Aran-milis
Aran-milis
8 unns min-fhlùir

4 unns semolina
4 unns siùcar caster
8 unns ìm
Ann an inneal measgachaidh, measgaich còmhla am min-fhlùir agus an semolina. Nuair a tha iad air a dhol an luib a chèile gu math, dòirt a-steach an t-siùcar agus an t-ìm. Measgaich a-rithist gus an toisich e uile air tighinn còmhla. An uairsin cleachd do làmhan airson ball a dhèanamh dhan taois agus rolaig a-mach e gu tighead cairteal òirleach. Cleachd cutters cruinn airson na briosgaidean a ghearradh a-mach. Cuir na briosgaidean air fad air treidhe, a’ fàgail beàrn beag eatarra, agus an uairsin dhan fhuaradair airson uair a thìde. Fàgaidh seo na briosgaidean nas brisge nuair a tha iad bruich. Brùth le forc gach briosgaid agus bruich anns an àmhainn iad aig teas 170 Celsius airson 15-20 mionaid.