Main content

Chutney le Butternut Squash agus Almoin

An Chutney aig Calina NicDhòmhnaill le Butternut Squash agus Almoin

1 pheapag cnotha-ime beag (mu 800g neo 1 ¾ puinnd)
400g siùcar granulated
600ml fìon-geur lionn-ubhal
1 uinnean air a ghearradh
225g apracotan tiormaichte
Rùsg agus sùgh 1 oraindsear
½ spàin-tì turmeric
1 spàin-tì pùdar lus a’ choire
1 spàin-tì salann
½ spàin-tì allspice
115g slisean almoin

Geàrr am peapag cnotha-ime (a’ faighinn cuidhteas dha na sìl) agus an t-uinnean na phìosan meadhanach beag mu òirleach neo leth òirleach. Geàrr na h-apracotan ann an cairtealan agus cuir a h-uile sìon a th’ ann ann am pana mòr.

Dòirt a-steach am fìon-geur, cuir mullach air a phana agus bheir chun a’ ghoil e. Nuair a tha e air goil bruich air a shocair gus an teann a h-uile sìon ri fàs bog – bheir an nuair sin am mullach far a phana.

Cuir an t-siùcar a-staigh leis na spìosraidhean agus an rùsg agus an t-sùgh oraindsear. Bruich air a shocair leis am mullach dheth gu fàs an chutney tiugh. Cuir na h-almoin ris nuair a tha e air fàs tiugh – gun a bhith ro thioram air sàillibh ‘s gun suathaich na h-apracotan am beagan sùgh a th’ air fhàgail. Mar sin na leig leis an chutney tioramachadh.

Chan eil thu airson ‘s gun brist na h-almoin às a chèile mar sin na toir ach beagan mhionaidean bruich dhaibh còmhla ris a ghlasraich eile. Fhad ’s a tha e fhathast teth, dòirt an chutney ann an crogain a chaidh nighe le uisge goileach agus dùn cho teann sa ghabhas iad.

Mar as fhaide a chumas tu an chutney ‘s ann as fheàrr a dh’ fhàsas nas blasan aige. Mairidh e airson co-dhiù mu bhliadhna sa chrogan.