Cèic currain
An cèic currain aig Joey NicAsgaill
An cèic

8 unnsaichean min-fhlùir a dh’èireas.
Spàin-tì caineal (cinnamon)
Spàin tì pùdair fuine
6 unnsaichean siùcar ruadh bog
2 unnsa cnothan-challtainn (hazelnuts), air an gearradh ann am pìosan beaga
8 unnsaichean currain air am bleith
2 ugh air am bualadh.
7 fl unnsaichean ola neòinean-grèine
An còmhdach siùcrach
200g càise bog
½ - ¾ pacaid siùcar pùdair
Cuir am flùr, siùcar, caineal agus pùdair-fuine tron t-sìoltachan agus dhan bhobhla. Cuir na cnothan agus currain a-steach ann agus measgaich gu math. Dòirt a-steach na h-uighean agus an ola agus measgaich a h-uile sian a’ cleachdadh spàin.
Dòirt na tha seo a-steach dha tiona air a bheil suathadh de dh’ìm agus crathadh de fhlùr. Bruich ann an àmhainn aig teas 180C airson faisg air uair a thìde.
Airson an còmhdach siùcrach – pronn an càise bog agus cuir an siùcar-pùdair a-steach, mean air mhean, a’ cleachdadh forca. Nuair a tha air tighinn còmhla, buail e airson a dhèanamh gu math mìn. Cuir seo air uachdar a’ chèic le crathadh de chnothan.