Main content

Caraid Cunnartach

Do thidsearan agus pàrantan mun phrògram

Tidsearan & Pàrantan

Gabhaidh am prògram seo a chleachdadh le pàrantan no le tidsearan airson còmhradh a thòiseachadh mun bhuaidh a dh’fhaodas a bhith aig comhaoisean air daoine òga, agus rannsachadh a dhèanamh a thaobh modhan iomchaidh agus modhan mì-iomchaidh. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/ceisteanlara.

This episode can be used to generate general discussion about peer pressure and to explore positive and negative behaviours. Further information is available at bbc.co.uk/ceisteanlara.

Mun a' phrògraim seo

Tha modhan agus aodach Gabriel air atharrachadh bho fhuair e caraid ùr, gille air a bheil Teo. Tha Tònaidh a’ faireachdainn a-mach à cùisean, ach tha uallach air nuair a gheibh e a-mach gu bheil Teo air a bhith a’ goid à bùithtean.

Gabriel has changed since he made friends with a boy called Teo. Tony feels left out, but is concerned when he finds out that Teo has been shoplifting.

Anns a’ Chlas

Faodar am prògram seo a chleachdadh airson còmhradh a thòiseachadh mun bhuaidh a dh’fhaodas a bhith aig co-aoisean air daoine òga, agus rannsachadh a dhèanamh a thaobh modhan iomchaidh agus modhan mì-iomchaidh. Dh’fhaodadh e bhith feumail beachdachadh air an sgeulachd aig Gabriel agus smaoineachadh air na dòighean eile a dh’fhaodadh an sgeulachd a bhith air crìochnachadh, dha fhèin agus dha charaidean.

CfE: Slàinte agus Sunnd - Eòlasan & Builean: