Main content

Curraidh Feòil

An Curraidh Feòil aig Màiri NicEanruig

3 uinneanan meadhanach mòr
2 shallot
6 ìnean creamh
Pìos dinnsear meudachd do chorrag
1 spàin-tì cumin
1 spàin-tì pùdar lus a’ choire
1 spàin-tì turmeric
¼ spàin-tì pùdar piobar-tiolaidh
1 spàin-tì salann
4 clòbhan slàn
6 spàlain cardamom
1 spàin mhòr puree thomàtothan
Crogan passata mu 500gr (neo crogan thomàtothan ma thogras tu)
Steall uisge goileach
1 piobar-tiolaidh ùr slàn air a bhioradh le forc
500g feòil-mairt
Cròg duilleagan lus a' choire

Chapattis

200g flùr slàn-mhìn (wholemeal)
Spàin-tì salann
Spàin mhòr ola-chroinn-ola
Uisge

Mus tòisich thu air an curaidh feumaidh tu an taois airson na chapattis a chur ri chèile. Cuir am flùr, salann agus spàin mhòr ola ann am bobhla le steall uisge airson a thoirt còmhla. Cuir mun cuairt e ach an tig e na bhall. Thoir as a bhobhla am ball agus obraich le do làmhan e airson mu dheich mionaidean. Leig leis an uairsin airson mu leth uair.

Fraidhig na h-uinneanan agus na shallots ann am beagan ola air teas gu math ìosal ach am fàs iad bog is milis gun a bhith leigeil leotha ròstadh. Às dèidh mu fhichead mionaid cuir an creamh agus an dinnsear nan luib is cuir an teas suas beagan.

Ris a sin cuir na spìosraidhean air fad, am puree thomàtothan agus am passata agus leig leis bruich air a shocair airson fichead mionaid. Cuir a-steach an fheòil air a ghearradh ann am pìosan meadhanach beag leis am piobar-tiolaidh slàn air a bhioradh le forc. Fàg an curraidh a-nis air an teas airson tri chairteal na h-uaireach neo gu fàs an fheòil bog.

Fhad ‘s a tha an curraidh a bruich air a shocair fhèin faodaidh tu na chapattis a chòcaireachd. Geàrr an taois ann an ochd pìosan agus rolaig a-mach ann an cumadh cearcall gach pìos. Bruich gach chapatti ann am pana fraidhigidh tioram – mu mhionaid air gach taobh – agus an uairsin suath gach fear aca le ìm air a leaghadh. Gabhaidh an cumail blàth san àmhainn às a dhèidh sin.

Dìreach mus cur thu an curaidh air bòrd cuir làn chròg lus a' choire ris neo dh’ fhadaodh tu cuideachd a sgaoileadh air uachdar.