Main content

Spaghetti ann an cabhaig

An spaghetti ann an cabhaig aig Donna Barden

300g spaghetti
200g càise parmesan mìn
200g càise-uachdrach
1 piobar-dearg air a ghearradh
1 piobar-buidhe air a ghearradh
2 spàin-bùird cnothan ghiuthais
1 clòbha creamh pronn
1 spàin-bùird ola-chroinn-ola
2 làn-dùirn basail

1. Goil a spaghetti.
2. Measgaich na piobairean, a chàise, an creamh, an ola agus a mhòr-chuid den am basail agus na cnothan còmhla ann am bobhla.
3. Aon uair ‘s gu bheil a spaghetti deiseil dòirt as an uisge agus cur am pana air ais air teas ìosal.
4. Measgaich a spaghetti agus a stuth bhon a bhobhla anns a phana.
5. Cur seo air truinnsear agus sgeadaich e le na th’air fhàgail de na cnothan agus am basail.