Main content

Aran Naan

An t-Aran Naan aig Griogair Macleòid

750 g flùr geal làidir
¼ unnsa salainn
¼ unnsa pùdar-fuine
Unnsa beirm
225ml bainne
125ml ola
225ml iogart nàdarra

Measgaich am flùr, an t-salainn agus am pùdar-fuine. Cuir beagan dhen bhainne leis a’
bheirm . Measgaich an ola, iogart agus an còir dhen bhainne agus cuir seo leis a’ bheirm
dhan a stuth tioram. Dèan cinnteach gu bheil a h-uile sian air a mheasgachadh agus
obraich na taoise le inneal air neo le do làmhan.

Roinn an taois gu cothromach mar rolaichean agus leig leis èirigh. An uair sin roilig iad a-mach gu math tana ann an cumadh cruinn.

Air a’ ghreideal:

Cuir a’ ghreideal air teas àrd. Cuir beagan ola air agus bruich an naan air gach taobh gus
an tig dath meadhanach dorcha air.