Main content
Cèic Bhictoria
An cèic Bhictoria aig Sìne NicEalair

8 unnsaichean ìm
8 unnsaichean min-fhlùir a dh’èireas
8 unnsaichean siùcar
4 uighean
Cuir an siùcar agus an t-ìm còmhla ann am bobhla agus buail gu math. Cuir na h-uighean a-steach, aon an dèidh aon, agus dìreach aon spàin de fhlùr le gach ugh. An uair sin cuir am flùr a th’air fhàgail a-steach agus buail gu math. Roinn eadar dà shoitheach 7 òirlich tarsainn. Bruich anns an àmhainn aig teas 180C airson 20-30 mionaid.
Cuir silidh agus uachdar eadar an dà chèic.