Main content

Staoigean Spiosrach le Salsa

Na Staoigean Spiosrach le Salsa aig Màiri

4 staoigean feòil-mairt (mu 250g an staoig)
8 tortilla flùr
1 phoit uachdar geur

Airson an t-sùgh-bogaidh

Sùgh 4 teilean
2 spàin mhòr ola-chroinn-ola
4 ìnean creamh air am pronnadh
2 spàin-tì paprika smocte
2 spàin-tì pùdar cumin
2 spàin-tì piobar dubh pronn
Dòrlach math duilleagan lus a' choire air a ghearradh mìn

Measgaich a h-uile sìon a th’ ann airson an t-sùgh-bogaidh còmhla ann am bobhla. Cuir na staoigean ann an soitheach neo treidhe nach eil ro dhomhainn, feuch ach an còmhdaich an t-sùgh na staoigean. Dòirt an t-sùgh air feadh na staoigean agus fag am bogadh iad a-muigh sa chidsin airson uair a thìde neo cuir còmhdach foil neo cling air an t-soitheach agus cuir dhan fhuaradair iad airson suas ri 4 uairean fichead. Tionndaidh na staoigean uair neo dhà airson ‘s gun còmhdaich an t-sùgh a h-uile òirleach feòil agus gun tig blas an t-sùigh tron fheòil gu lèir.

Gabhaidh na staoigean seo am bruich an dà chuid air barbecue neo air pana greideal theth. Nuair a tha am barbecue/pana teth bheir a-mach gach staoig agus faigh cuidhteas dha beagan dhan t-sùgh a tha gan còmhdach. Bruich air gach a rèir do thoil fhèin. Nuair a bheir thu far a greideal iad leig leatha airson 5 mionaidean agus geàrr an uair sin ann am pìosan fada tiugh iad.

Fhad ‘s a tha na staoigean nan tàmh faodaidh tu na tortillas ullachadh. Cuir suathadh uachdar geur air gach fear agus air uachdar sin cuir an t-salsa. Lìon gach tortilla le pìosan neo dhà staoig. Cha ruig thu les a-nist ach an tortilla a phasgadh agus dalladh ort.

An Salsa Thomàtothan agus Abhocado aig Màiri

2 abhocado mòr air an gearradh beag
Sùgh 1 teile
2 thomàto
1 piobar-tiolaidh dearg
Treas cuid de uinnean dearg air a ghearradh gu math mìn
Dòrlach math duilleagan lus a' choire air a ghearradh mìn
½ spàin-tì siùcar
Crathadh math salann
Crathadh math piobar dubh

Geàrr na h-abhocadothan ann am pìosan meadhanach beag agus còmhdaich san t-sùgh-teile. Nì seo cinnteach nach tig an abhocado ruadh neo dubh fhad ‘s a tha thu ‘g ullachadh an còrr dhan t-salsa.

Geàrr na tomàtothan ann an cairtealan agus sguab na sìl agus am broinn fliuch a-mach. An uair sin gèarr an tomàto ann am pìosan meadhanach beag mun aon mheudachd ris an abhocado agus cuir dhan bhobhla leis an abhocado e.

Ris a bhobhla cuir an t-uinnean agus am piobar-tiolaidh air an gearradh gu math mìn. Geàrr dòrlach math de lus a’ choire agus cuir sin a-staigh cuideachd leis am piobar, an t-salann agus an t-siùcar.

Measgaich an t-salsa gu math.