Main content

Thòisich e!

Do thidsearan agus pàrantan mun phrògram

Tidsearan & Pàrantan

Gabhaidh am prògram seo a chleachdadh le pàrantan no le tidsearan airson còmhradh mu shileadh-mìos a’ tòiseachadh. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/ceisteanlara.

This episode can be used by parents or by teachers as a starting point to introduce discussion about menstruation. Further information is available at bbc.co.uk/ceisteanlara.

Mun a' phrògraim seo

Tha a ciad sileadh-mìos aig Lara. An toiseach chan eil i cinnteach dè bu chòir dhi a dhèanamh ach, le taic bho a caraidean, tha i a’ faighinn a-mach ciamar a dhèiligeas i ris. Fhad ’s tha seo a’ tachairt tha Tònaidh agus Gabriel draghail gu bheil a’ chlann-nighean a’ fàs suas ro luath, ‘s nach fhada gus an tèid am fàgail air chùl.

Lara has her first period. At first she isn't sure what to do but, with the help of her friends, she finds out how to deal with it. Meanwhile, Tony and Gabriel worry that the girls are growing up too fast and will soon leave them behind.

Anns a’ Chlas

Faodar am prògram a chleachdadh airson còmhradh mu shileadh-mìos a thòiseachadh. Tha am prògram air a chruthachadh airson a bhith freagarrach do bhuidheann cho farsaing sa ghabhas. Faodaidh e bhith feumail cuideachd airson measadh a dhèanamh air an ìre fiosrachaidh mu shileadh-mìos a tha aig gillean agus nigheanan san aon chlas measgaichte. Bhiodh e feumail nam biodh fiosrachadh bunaiteach aig an luchd-amharc mu dè th’ ann an sileadh-mìos oir chan eil an sgeulachd a’ soilleireachadh nan adhbharan bith-eòlasach air a shon. Tha an sgeulachd mu dheidhinn na faireachdainnean a th’ aig Lara nuair a thòisicheas an sileadh-mìos, a’ bhuaidh a th’ aige air na gillean agus beachdan a thaobh ciamar a dhèiligeas i ris an atharrachadh seo. Chan eil am prògram seo freagarrach airson clas a còig.

Bu chòir do thidsearan comhairle a ghabhail a thaobh poileasaidh na sgoile air Slàinte agus Sunnd ach gu sònraichte air Dàimhean, Slàinte-ghnèitheasach agus Pàrantachd airson freagarrachd a’ phrògram a dhearbhadh agus airson faighinn a-mach a bheil cead phàrantan a dhìth.

CfE: Slàinte agus Sunnd - Eòlasan & Builean: