Main content
Sgonaichean Trèigeil
Na reasabaidhean bhon t-sreath
Na Sgonaichean Trèigeil aig Rona NicFhionghuin
Muga min-fhlùir a dh’èireas
Spàin-tì sòda-arain
Spàin-tì pùdar fuine
2 spàin-bùird trèigeil
Steall de bhainne
Cuir an stuth tioram còmhla ann an bobhla agus measgaich an trèigeil troimhe. Dòirt a-steach steall de bhainne - dìreach gu leòr airson a h-uile sian a thoirt còmhla.
Cuir an taois a-mach air clàr air a bheil crathadh de fhlùir. Bidh an taois feumach air beagan fuine. An uair sin roilig a-mach i ann an cearcall mòr agus geàrr suas i ann an ceathramhan. Bruich gach taobh dha na sgonaichean air greideal theth.