Main content

Isbeanan ann an Taois

Na h-Isbeanan ann an Taois aig Iseabail NicAonghais

Taois
4 unnsa Flùr-èirigh
3 uighean
Leth làn-dùirn pheirsill
Cnò-mheannt sgrìobte
Leth-phinnt Bainne

Measgaich a h-uile sian (ach am peirsill) ann a bobhla agus cuir am peirsill ann aig an deireadh. Fàg seo airson leth-uair a thìde.

Feòil-muice
12 isbeanan feòil-muice gun chraiceann
Pheirsill
Sàiste
1 Leigeas air a ghearradh mìn
Salainn is piobar
3 Uinneanan air an gearradh mìn

Measgaich a stuth air fad (ach na h-uinneanan) agus cruthaich bàlaichean beag leatha. Cuir iad seo gu aon taobh fhad ‘s a na h-uinneanan a bruich.
Bruich na h-uinneanan ann am pana le beagan ola. Nuair a tha iad bog tha iad deiseil. Na leig dhaibh a dhol ruadh.
Sgaoil na h-uinneanan a chaidh a bhruich air soitheach-ròstaidh. Cuir na bàlaichean-feòil air muin na h-uinneanan agus cuir seo dhen àmhainn airson deich mionaidean aig teas 180C.
Dòirt an taois air a mhuin agus cuir e air ais dhen àmhainn airson leth uair a thìde.
Nuair a tha e deiseil ith e le sabhs geal uachdrach.