Cothromachd
Do thidsearan agus pàrantan mun phrògram
Tidsearan & Pàrantan
Gabhaidh am prògram seo a chleachdadh le pàrantan no le tidsearan mar thoiseach-tòiseachaidh airson còmhradh mu dhàimhean eadar daoine gèidh. Tha e air a dhealbh airson a bhith ruigsinneach do bhuidheann a tha cho farsaing sa ghabhas. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/ceisteanlara.

This episode can be used to approach discussions about same-sex relationships. Further information is available at bbc.co.uk/ceisteanlara.
Mun a' phrògraim seo
Tha caraid ùr aig Lara, agus tha Jacquie a’ cur iongnadh air a’ bhuidheann le cho ealanta ‘s a tha i air spèileabord.
Lara makes a new friend, Jacquie, who amazes the group with her skateboarding skills. Lara's strong feelings of admiration begin to confuse her when she finds out Jacquie is gay. Does this mean she is also gay? What does it mean for their friendship?
Anns a’ Chlas
Faodar am prògram seo a chleachdadh mar thoiseach-tòiseachaidh airson còmhradh mu dhàimhean eadar daoine gèidh. Tha e air a chruthachadh airson a bhith ruigsinneach do bhuidheann a tha cho farsaing sa ghabhas. ‘S e innleachd feumail a tha ann cuideachd airson measadh a dhèanamh air an ìre fiosrachaidh a tha ann an clas measgaichte mu dhàimhean gèidh.
Gabhaidh an caractar aig Jacquie a chleachdadh airson sgrùdadh a dhèanamh mu ghnàth-ìomhaighean – a bheil iad uair sam bith fìor? An gabh earbsa a chuir annta? A bheil iad cothromach? B’ fhiach cuideachd beachdachadh air prìobhaideachd. An e gnothaich prìobhaideach a th’ ann an gnèitheachd? Carson a tha daoine a’ faireachdainn mar seo?
‘S dòcha gum bi e feumail an earrainn seo a chleachdadh còmhla ri M’ eudail air Màrtainn a tha cuideachd mu dheidhinn dàimhean gèidh. Bu chòir do thidsearan comhairle a ghabhail a thaobh poileasaidh na sgoile air Slàinte agus Sunnd, agus gu sònraichte air Dàimhean, Slàinte-ghnèitheasach agus Pàrantachd airson freagarrachd a’ phrògram a dhearbhadh agus airson faighinn a-mach a bheil cead phàrantan a dhìth.
CfE: Slàinte agus Sunnd - Eòlasan & Builean:
![]()
Cothromachd
Coimhead air Cothromachd