Main content

Beò-ghlacte

Do thidsearan agus pàrantan mun phrògram

Tidsearan & Pàrantan

Gabhaidh am prògram seo a chleachdadh le pàrantan no le tidsearan mar thoiseach-tòiseachaidh airson còmhradh mu chàirdeas eadar daoine agus mar a tha iomchaidh a bhith a’ dèiligeadh riutha. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/ceisteanlara.

This episode can be used by parents or by teachers to generate discussion about friendships and how to manage them appropriately and also as a platform to discuss addictive behaviour. Further information is available at bbc.co.uk/ceisteanlara.

Mun a' phrògraim seo

Tha Gabriel air tiogaidean gu cuairt dheireannach geama ball-basgaid a bhuannachadh dha charaidean. Ach tha Tònaidh agus Akira air am beò-ghlacadh le gèam bhidio agus tha iad a’ leigeil sìos an caraidean le dìochuimhneachadh, chan e a-mhàin an obair-dachaigh a tha aca uile ri dhèanamh ach an gèam mòr cuideachd.

Gabriel wins tickets to the basketball finals for all his friends. However, Tony and Akira become obsessed with a video game, letting their friends down by forgetting about both their upcoming homework assignment and the big game.

Anns a’ Chlas

Faodar am program seo a chleachdadh mar thoiseach-tòiseachaidh air còmhradh mu chàirdeas eadar daoine agus mar a tha iomchaidh ann a bhith a’ dèiligeadh riutha. Gu cudromach faodar a chleachdadh mar thoiseach-tòiseachadh airson còmhradh mu ghiùlan tràilleil agus na gìulainean a thig mar thoradh air a bhith fo bhuaidh rud sam bith. Faodar cuideachd a chleachdadh airson còmhradh mu bhith dèanamh feum èifeachdach de dh’ùine, mu bhith cothromachadh cur-seachad, obair-sgoile agus gnothaichean eile agus mar a dh’fhaodas teicneòlasan a tha daonnan ri làimh agus cur-seachadan seo a dhèanamh nas dorra.

CfE: Slàinte agus Sunnd - Eòlasan & Builean: