Strudel le Peuran agus Fraochagan
An Strudel aig Màiri le Peuran agus Fraochagan
Spàin-mhòr mìrean arain
Spàin-mhòr siùcar òr
½ spàin-tì caineal
¼ spàin-tì spìosraidh measgaichte
Rùsg orainds beag
125 g fraochagan
50 g cnothan macadamia air an gearradh meadhanach
550 g peuran air an gearradh
6 duilleagan pastraidh filo
Ìm air a leaghadh
Beagan siùcar

Cuir na mìrean arain, an t-siùcar, na spìosraidhean agus an rùsg orainds ri chèile ann am bobhla beag.
Cuir na fraochagan, na cnothan agus na peuran ann am bobhla mòr eile le sùgh an orainds.
Ris a sin cuir an stuth sa bhobhla bheag. Cuir a h-uile sìon a tha seo mun cuairt.
Cuir 3 duilleagan pastraidh ri taobh a chèile le còrr is òirleach gu leth dhen taobh as fhaide aca a dol fon duilleag ri thaobh. Bruisig le ìm air a leaghadh. Cuir 3 duilleagan eile air uachdar seo agus bruisig le ìm a-rithist.
Lìon le na measan agus rolaig na pharsail. Bruisig le ìm agus crath beagan siùcar air.
Bruich aig teas 190C airson 40-45 mionaidean.