Na Churros aig Griogair
1 cupa uisge
½ cupa ìm no margarain
¼ spàin-tì salann
1 cupa flùr lom
3 uighean, air am bualadh
Ola ghlasraich (airson fraighigeadh)
¼ cupa siùcar
¼ spàin-tì caineal

Taois na Churros
Cuir 1 cupa uisge, ìm (neo margarain) agus salann ann a pana. Leagh an t-ìm air teas àrd.
Thoir a-nuas an teas agus le spàin maide measgaich a-steach a flùr.
Measgaich gus am bi an taois na bhàla. Dèan seo airson mionaid.
Thoir bhon teas an taois. Gu slaodach, buail a-steach na h-uighean.
Teasaich beagan ola (mu 2 òirleach domhain) ann am pana trom, domhain air teas meadhanach àrd, gus am bi an ola aig 180C.
Measgaich an t-siùcar agus a chaineal air truinnsear agus cuir seo gu aon taobh.
Cuir taois na churros ann am poca pastraidh le gob ann an cumadh rionnag.
Put a-mach pìosan mu 4 òirleach a dh’ fhaide dhen taois dhan ola theth. Faodar 3 no 4 pìosan a dhèanamh còmhla.
Fraidhig na churros, gan tionndaidh aon uair airson dà mhionaid air gach taobh. Bu chòir dhaibh a bhith dath òr-dhonn.
Lìon truinnsear le tubhailt-phàipeir. Nuair a tha na churros deiseil cuir air an truinnsear iad airson beagan dhan ola a thoirt dhiubh.
Nuair a tha na churros air fuarachadh, roilig iad san t-siùcar agus a chaineal.
Sabhs seoclaid
150g teòclaid dorcha
300ml bàrr tiugh
1 stràbh faoineag
100ml bàrr
Sgrìob siol na faoineige dhan a’ bhobhla leis a bhàrr. Teasaich seo còmhla sa mhicrowave airson mionaid.
Measgaich an t-seoclaid leis a bhàrr agus leig leis gus an leagh e.