Main content
An cèic teòclaid
An cèic teòclaid aig Eilidh NicChoinnich
An cèic

8 unnsaichean min-fhlùir a dh’èireas
8 unnsaichean siùcar mìn
8 unnsaichean margarain
4 uighean
2 spàin-bùird uisge flodach
2 spàin-tì pùdair fuine
2 spàin-bùird cocoa
Cuir a h-uile sian còmhla dhan bhobhla agus measgaich gu math.
Roinn eadar 2 thiona a th’air an suathadh le ìm agus a lìnigeadh lè paipear. Bruich ann an àmhainn aig teas 160C airson 25 mionaid.
Airson meadhan agus mullach na cèic
2 unnsa ìm
1 unnsa cocoa
2 spàin-bùird uisge
6 unnsaichean siùcar pùdair
Buail an t-ìm, uisge, cocoa agus rud beag dhan siùcar-pùdair còmhla. Cuir an còrr dhen t-siùcar-pùdair ris, mean air mhean. Nuair a tha e mìn, tha e deiseil airson a dhol eadar an dà chèic agus air uachdar.