Main content

Na ‘bonnaich creige’ aig Peigi Hill

Na ‘bonnaich creige’ aig Peigi Hill

½ phunnd min-fhlùir a dh’èireas

3 unnsaichean ìm

2 unnsa siùcar

3 unnsaichean rèiseidean

Ugh

Steall de bhainne

Suath an t-ìm a-staigh dhan mhin-fhlùir.

Cuir ris na tha seo an siùcar agus na rèiseidean.

Ann an siuga, buail aon ugh còmhla ri ¼ pinnt de bhainne. Cuir seo, beag air bheag, dhan bhobhla gus an tig seo uile còmhla. Chan eil còir aig an taois a bhith ro thana.

Cuir làn-spàinean dhan taois air clàr-bèicearachd air an deach suathadh ime.

Bruich ann an àmhainn aig teas 190C airson 10 mionaidean.