Mìlsean Siorap
Am Mìlsean Siorap aig Màiri
4 unns ìm

4 unns siùcar caster
2 ugh
6 unns flùr a dh’ èireas
1 spàin-tì dinnsear
Siorap airson bonn an t-soithich a chòmhdach
Buail am margarine agus an t-siùcar còmhla gu fàs iad coltach ri uachdar. Cuir na h-uighean na luib agus bheir dha beagan a bharrachd buaileadh. Paisg am flùr agus an dinnsear, a th’ air a dhol tro shìoltachan, a-staigh. Cuir steall bhainne ris an taois airson ‘s nach bith e ro thiugh – tha thu ‘g iarraidh gun tuit e far a spàin.
Cuir còmhdach math siorap air bonn soitheach mìlsean le mullach teann air (pudding basin) agus dòirt an taois a-steach. Cuir an t-soitheach seo, na shuidhe air muin truinnsear, ann am pana.
Lìon am pana le uisge goileach gu ruige letheach slighe suas cliathaich an t-soithich agus leig leis bruich airson uair gu leth. Ma tha ire an uisge fàs ro ìosal faodaidh tu barrachd a chur ris.
Faodar am mìlsean seo a thoirt seachad le steall mhath custard neo uachdar.