Breug Bheag Lara
Do thidsearan agus pàrantan mun phrògram
Tidsearan & Pàrantan
Gabhaidh am prògram seo a chleachdadh le pàrantan no le tidsearan airson rannsachadh a dhèanamh air imcheistean moralta. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/ceisteanlara.

This episode can be used by parents or by teachers to explore moral dilemmas. Further information is available at bbc.co.uk/ceisteanlara.
Mun a' phrògraim seo
Tha farpais tàileisg san sgoil a’ toirt air Lara breug an dèidh breug innse gus a bheil i a’ tighinn gu tuigse gur e an fhìrinn an còmhnaidh as fheàrr. Aig an aon àm tha Tònaidh agus Gabriel iad fhèin air a bhith ag innse bhreugan. Tha iadsan cuideachd air am fàgail air an ceusadh le ciont.
A chess tournament at school sets off a spiral of lying for Lara who comes to realise that telling the truth is always best. Meanwhile, Tony and Gabriel have been telling fibs of their own which is leaving them wracked with guilt too.
Anns a’ Chlas
Faodar am prògram seo a chleachdadh airson rannsachadh a dhèanamh air imcheistean moralta mar an dà shuidheachadh a tha sa phrògram. Dh’fhaodadh e cuideachd a bhith feumail airson deasbad a thogail mu “bhreugan beaga”. Dè an cron a nì iad agus a bheil a leithid de rud ann ri “breug bheag”?
CfE: Slàinte agus Sunnd - Eòlasan & Builean:
![]()
Breug Bheag Lara
Coimhead air Breug Bheag Lara