An cèic orainds
An cèic orainds aig Màiri
An cèic

8 unnsaichean ìm
8 unnsaichean siùcar mìn
rùsg 1 orainsear
4 uighean
8 unnsaichean min-fhlùir a dh’èireas
An còmhdach siùcrach
2 spàin-bhùird sùgh orains.
7 unnsaichean siùcar pùdair
Meadhan na cèic
4 unnsaichean ìm bog
1 spàin-bhùird sùgh orains
5 unnsaichean siùcar-pùdair
rùsg ½ orainsear.
Cuir an t-ìm agus siùcar ann am bobhla agus buail còmhla airson a dhèanamh soilleir agus aotram. Ris an sin, cuir rùsg aon orainsear agus measgaich. Cuir na ceithir uighean ann, aon an dèidh aon, airson dèanamh cinnteach gu bheil iad air an deagh mheasgachadh. An uair sin, cuir 8 unnsaichean flùr tron t-sìoltachan agus dhan bhobhla. Measgaich gu math. Roinn eadar dà shoitheach 7 òirlich tarsainn. Bruich ann an àmhainn aig teas 180C airson 20 mionaid.
Fhad ‘s a tha na cèicean san àmhainn, tòisich air an còmhdach siùcrach a thèid air a’ chèic. Cuir an siùcar-pùdair tron t-sìoltachan agus cuir an sùgh orains ris. Measgaich gu math. Feumaidh e a bhith gu math bog airson dòrtadh sìos taobhan na cèic.
Airson meadhan na cèic, measgaich an siùcar-pùdair a-steach dhan ìm agus an uair sin cuir an sùgh agus an rùsg ris.
Nuair a tha na cèicean deiseil agus air fuarachadh, cuir na dhà ri chèile.