Tort Liomaid
Tort Liomaid
Airson an taois
200g flùr plèan
100g ime air a ghearradh na phìosan
25g siùcar icing
1 ugh air a bhualadh

Airson a lìonadh
4 uighean
150g siùcar mìn
Sùgh 2 liomaid
300ml uachdair thiugh
Rùsg 4 liomaidean – feumaidh e a bhith uabhasach mìn.
Teasaich an àmhainn (le fan) gu 180C.
Airson taois milis a dhèanamh, suath an t-ìm a-steach dhan fhlùr gus am bi coltas phronnagan-arain air. Measgaich a-steach an t-siùcar icing agus an uairsin cleachd an t-ugh airson a thoirt còmhla – ‘s dòcha nach fheum thu an t-ugh air fad a chleachdadh. Chan eil thu airson an taois a bhith ro fhliuch neo steigeach. Bheir an taois còmhla na bhall, còmhdaich e ann an cling film agus cuir dhan fhuaradair e airson faisg air leth-uair.
An dèidh leth uair, bheir a-mach às an fhuaradair e. Rolaig e gus am bi e gu math tana (mu leth-ceudameatair) agus mòr gu leòr soitheach flan (9 òirlich) a chòmhdachadh. Lìnig na taoise le pàipeir greaseproof le pònairean fuine air a mhuin. Bruich anns an àmhainn e airson mu 20 mionaid.
Bheir teas na h-àmhainn sìos gu 130 (fan). Airson an lìonadh, measgaich na h-uighean agus an t-siùcar ann am bobhla. Cuir ris sùgh na liomaidean, an rùsg agus an t-uachdar. Measgaich gu math e le spàin agus dòirt a-steach dhan taois e. Bruich e san àmhainn ‘son 30-35 mionaidean gus am bi e air seatadh.
Leig leis fuarachadh gu math mus geàrr thu e.