Main content

Stòbhach Feòl-chaorach le Domplagain

Stòbhach Feòl-chaorach le Domplagain

Stòbhach Feòl-chaorach le Domplagain

Airson an stòbhach

2 ½ puinnd feòl chaorach

½ tuineap

1 uinnean

4 currain

1 spàin-tì ròs-Màiri

Salann & piobar

1 ìne creamh

Pinnt sùgh glasraich

2 unnsa eòrna

Airson na domplagan

4 unns min-fhlùir

2 unns geir

Spàin-tì mustard

Spàin-tì pearsal, air a ghearradh mìn

5 spàinean-bùird uisge fuar

An toiseach, teasaich rud beag ola ann am pana. Cuir an ròs-Màiri dhan phana agus pàirt dhan fheòil airson a dhathadh. Bruich an còrr dhan fheòil mean air mhean. Nuair a tha e ruadh, cuir na pìosan feòla am broinn soitheach àmhainn. Cuir a-steach a ghlasraich, a’ chreamh, salann agus piobar agus an t-sùgh glasraich. Bruich air an teas gus an tig e chun a’ ghoil agus an uairsin cuir dhan àmhainn e aig teas 180 Celsius airson uair a thìde. Fhad ‘s a tha sin a’ bruich, deasaich na domplagan.

Measgaich an geir, am mustard agus am pearsal còmhla. An uairsin cuir ris gu leòr uisge airson an taois a thoirt còmhla. Geàrr suas e ann an ochd pìosan agus rolaig gach pìos cruinn. Nuair a tha an stòbhach air a bhith uair a thìde san àmhainn, bheir a-mach e agus cuir na domplagan air uachdar an fheòil. Till dhan àmhainn e airson fichead mionaid eile.