Cèic Tofaidh Stiogach is Banana
An Cèic Tofaidh Stiogach is Banana aig Màiri
110 g ìm air leaghadh

150 g siùcar soilleir ruadh
2 ugh air am bualadh
3 bananathan pronn
1 spàin-tì brìgh vanilla
200 g flùr èirigh
1 spàin-tì pùdar bèicearachd
80 g ìm
80 g siùcar donn
250 ml uachdar tiugh
Buail an t-ìm agus an t-siùcar ri chèile a’ cleachdach inneal-measgachaidh.
An luib sin cuir na h-uighean, na bananathan agus boinne neo dhà brìgh vanilla. Buail a-rithist.
An uair sin cuir am flùragus am pùdar-bèicearachd tro shìolachan agus am measg an stuth fliuch sa bhobhla. Paisg seo an luib a chèile.
Cuir ann an tiona 8 x 8 òirleach le suathadh ime air na cliathaichean agus am bonn.
Bruich san àmhainn aig teas 180 C airson leth uair.
Sgeadaich a chèic le slisean banana is sabhs tofaidh stiogach. Cuir an t-ìm, an uachdar agus siùcair ann am pana agus teasaich iad gus an goil iad. Tionndadh sìos an teas an uair sin agus leig leis bruich air shocair fhèin (mu 4 mionaidean) gus am bith dath breagha tofaidh air.