Main content

Suidheachadh Steigeach

Do thidsearan agus pàrantan mun phrògram

Tidsearan & Pàrantan

Gabhaidh am prògram seo a chleachdadh le pàrantan no le tidsearan airson còmhradh a thòiseachadh mu atharrachaidhean bodhaig. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/ceisteanlara.

This episode can be used to initiate discussion about wet dreams. It is designed to be accessible to as broad a group as possible. There are no visual representations and no slang terms are used. Further information is available at bbc.co.uk/ceisteanlara.

Mun a' phrògraim seo

Tha Gabriel a’ dol tro àm nuair a tha aislingean fliuch aige. Tha e a’ fulang nàire eile nuair a tha Monica a’ cluinntinn còmhradh eadar e fhèin agus Tònaidh mu aisling a bha aige, agus ga thogail ceàrr.

Gabriel is going through a phase of having wet dreams. He is further embarrassment when Monica misunderstands an overheard conversation with Tony.

Anns a’ Chlas

Faodar am prògram seo a chleachdadh airson còmhradh mu aislingean fliuch a thòiseachadh. Tha e air a chruthachadh airson a bhith ruigsinneach do bhuidheann a tha cho farsaing sa ghabhas. ‘S e innleachd feumail a tha ann cuideachd airson measadh a dhèanamh air an ìre fiosrachaidh a tha aig gillean agus nigheanan ann an clas measgaichte mu aislingean fliuch. Tha barrachd cuideam air a chur air faireachdainnean seach air gnothaichean corporra.

Chan eil dealbhan sònraichte rim faicinn - ged tha fliuchadh air siotaichean nam balach ri fhaicinn ann an aon shealladh - agus chan eil mith-chainnt air a chleachdadh. Tha dealbhachadh de dh’aisling fliuch air a leughadh le aon ghille bho làrach air an eadar-lìon, an seòrsa mìneachadh a leughadh duine ann am faclair.

Bu chòir do thidsearan comhairle a ghabhail a thaobh poileasaidh na sgoile air Slàinte agus Sunnd, agus gu sònraichte air Dàimhean, Slàinte-ghnèitheasach agus Pàrantachd airson freagarrachd a’ phrògram a dhearbhadh agus airson faighinn a-mach a bheil cead phàrantan a dhìth.

CfE: Slàinte agus Sunnd - Eòlasan & Builean: