Cèic almoin
An cèic almoin aig Màiri NicCoinnich
6 uighean (gealagan is buidheagan air leth)
250 gr siùcar
1 spàin-tì brìgh-almoin
1 ½ spàin-tì sòda-arain
350 gr almoin pronn
Crogan crème-fraiche
Dearcan

Cuir na buidheagain ann an aona bhobhla agus na gealagain ann am fear eile. Buail na buidheagain leis an t-siùcar gus am fàs e soilleir agus nas tighe. Cuir drùdhag bheag de bhrìgh-almoin ris aig an deireadh. Aig an aon àm buail na gealagain gus an seas iad nan stùcan.
Paisg iad an uairsin air do shocair a-staigh dha na buidheagain.
Cuir a sòda ris na h-almoin agus cur seo ris na h-uighean. Paisg a-staigh gu faiceallach.
Roinn eadar dà thiona 8 òirleach agus bruich san àmhainn aig 180°C airson mu leth uair a thìde.
Cuir an dà chèic ri chèile le crème-fraiche agus dearcan.
Bheir crathadh de shiùcar-mìn coltas snog air aig deireadh gnothaich.