Sitheann tunnaig le chutney dèanta le fìon dearg
Sitheann tunnaig le chutney dèanta le fìon dearg aig Donna NicÌomhair
Sitheann tunnaig le chutney dèanta le fìon dearg

2 phìos sitheann tunnaig
Uinnean dearg
1-2 clòbh creamh
150-200ml fìon dearg
Sùgh aon orainds
6 tomàtothan beaga
Silidh dearcain-dheirg
Spàin mhòr Puree thomàtothan
Tòisich leis an chutney. Ann am pana le beagan ola fraighig uinnean dearg leis a chreamh air a ghearradh mìn. Bruich airson beagan mhionaidean gus am fàs e bog.
Cuir an fhìon dhearg ris an uinnean agus leig leis goil airson 2-3 mionaidean. Tha thu airson an sabhs a bhruich sìos. Cuir ris sùgh aon orainds, na tomàtothan agus spàin dhen t-silidh dearcain dheirg. Bruich air a shocair gus am fàs e tiugh. Cuir piobar is salann ris.
Gun a bhith gearradh sìos tron fheòil geàrr loidhnichean ann an craiceann an tunnaig. Leigidh seo leis a’ gheir a ruith às an tunnaig agus fàgaidh e an craiceann cruaidh, brisg. Cuir salann is piobar air an craiceann agus cuir ann am pana fuar leis an craiceann sìos. Teasaich air a shocair.
Cuir spàin de phuree thomàtothan dhan sabhs.
Faodaidh tu tunnag ithe gu math amh. Airson a bhruich gu ìre meadhanach amh bheir e mu 6 – 8 mionaidean.
Feuch e le slisean buntàta agus an sabhs ri a thaobh.