An t-Aran Leann-Dorcha is Trèicil aig Griogair
An t-Aran
125g flùr làidir arain
1 spàin-tì mòr cruinn sòda-arain
1 spàin-tì salann
450g flùr donn
200ml blàthach
2 spàin-bùird trèicil
150ml leann-dorcha
75g gall-chnòthan

Am Pâté
300g rionnach smocte
2 spàin-tì mustard
1 spàin-bùird caise uachdrach
1 spàin-bùird sùgh liomaine
Piobar is creamh-gàrraidh
An toiseach cuir am flùr, an sòda-arain agus an t-salann, ann am bobhla tro shìolachan. Cuir am min donn slàn na lùib agus dèan doc sa mheadhan. Ann a shin dòirt a bhlàthach, an trèicil, an leanna dhorcha agus 50g dhe na gall-chnòthan air an gearradh beag.
Tha a h-uile càil ga mheasgachadh còmhla. Ma tha e ro thioram gabhaidh barrachd leanna a chur ris.
Bheir cumadh lofa air, le do chrògan, agus cuir ann an soitheach lìnigte lofa dà phunnd, leis an còrr dhe na cnòthan air a’ mhullach.
Cuir an lof dhan àmhainn ag 180C airson fichead mionaid, no gus an èirich e. An uair sin ìslich na teis deich ceumannan agus fàg ann e son còig mionaidean fichead eile.
Tha seo math le pâté rionnaich. Chan eil a dhìth ach an rionnach smocte a phrannadh le forca. Na lùib cuir am mustard, an càis’ uachdrach an sùgh liomaine. Tha sin uile ga mheasgachadh còmhla, le crathadh de phiobar dubh air ùr bhleith agus beagan creamh-gàrraidh meanbh.