Main content

Sìos is Suas

Do thidsearan agus pàrantan mun phrògram

Tidsearan & Pàrantan

Gabhaidh am prògram seo a chleachdadh le pàrantan no le tidsearan mar thoiseach-tòiseachaidh air còmhradh a bhrosnachadh mu na h-atharraichean corporra a tha tighinn an cois inbhidheachd. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/ceisteanlara.

This episode can be used to generate general discussion on physical development during puberty, and is designed to be accessible to as broad a group as possible.

Further information is available at bbc.co.uk/ceisteanlara.

Mun a' phrògraim seo

Dràma le dealbhan meanmnach airson clann aois 9 gu 13, a’ coimhead air cuspairean co-cheangailte ri inbhidheachd. Tha Gabriel draghail mu chorp nuair a tha pàrtaidh èideadh Sàr Ghaisgich gu bhith san sgoil.

Animated drama for 9 to 13 year olds exploring issues surrounding puberty. Gabriel is worried about his body when the school holds a Superhero costume party.

Anns a’ Chlas

Faodar am prògram seo a chleachdadh airson còmhradh a bhrosnachadh mu na h-atharraichean corporra a tha tighinn an cois inbhidheachd. Tha e air a chruthachadh airson a bhith ruigsinneach do bhuidheann a tha cho farsaing sa ghabhas. ‘S e innleachd feumail a tha ann cuideachd airson measadh a dhèanamh air an ìre fiosrachaidh a tha aig gillean agus nigheanan ann an clas measgaichte mun taobh corporra de bhith fàs suas. Tha barrachd cuideam air a chur air faireachdainnean seach air atharraichean corporra.

Chan eil dealbhan de èirigh bod anns a’ phrògram idir agus chan eil mith-chainnt air a chleachdadh ann. Tha aon ghille a’ leughadh a-mach beagan fiosrachaidh mu èirigh, agus mu dè tha ga adhbharachadh, bho làrach-lìn air an eadar-lion - ‘s e am fiosrachadh a gheibheadh duine ann am faclair a th’ ann.

Tha an sgeulachd aig Lara anns a’ phrògram seo a’ dèiligeadh ri na faireachdainnean a tha aice mu deidhinn fhèin agus mar a tha i a’ coimhead ann an èideadh teann. Faodar a chleachdadh gus còmhradh a thòiseachadh mun dòigh a tha sinn a’ coimhead oirnn fhìn agus an dòigh anns a bheil daoine eile a’ coimhead oirnn. Faodar cuideachd a chleachdadh airson còmhradh mun dealbh a tha na meadhanan uaireannan a’ toirt air daoine ainmeil agus a’ bhuaidh a tha aig an seo air daoine òga.

Bu chòir do thidsearan comhairle a ghabhail a thaobh poileasaidh na sgoile air Slàinte agus Sunnd, agus gu sònraichte air Dàimhean, Slàinte-ghnèitheasach agus Pàrantachd airson freagarrachd a’ phrògram a dhearbhadh agus airson faighinn a-mach a bheil cead phàrantan a dhìth.