Main content

An Tort Crùbaig aig Griogair

Pastraidh

110g ìm
1 ugh
175g flùr lom
25g parmesan, air a bhleith gu mìn
Craiteachan piobar cayenne

Cuir an t-ìm agus an t-ugh dhan bhobhla agus buail ri chèile airson 5 mionaidean ach am bith e uachdrach, mìn.

Cuir ann a’ chàise gu lèir agus am piobar Cayenne.

Mu dheireadh, dòirt a-steach am flùr agus cuir mun cuairt gus an tig e ri chèile na bhall. Faodar seo a crìochnachadh le do làimh fhèin.

Roilig a-mach e airson tiona flana 9” a chòmhdach.

Lìonadh

300g feòil chrùbaig gheal
1 uinnean
1 clobha creamh
1 tiolaidh beag tioram
Sùgh bho leth liomaid
Cnò-mheannt air a bhleith
3 uighean
120ml bàrr tiugh
Salann & piobar
Parmesan air a bhleith airson a mhullach
1 phacaid aspàrag
Sailead

Teasaich an àmhainn gu 180°c.

Fraidhig an t-uinnean, an tiolaidh agus an creamh airson mionaid neo dhà ann a ola-chroinn-ola, gus am bi iad bog.

Bheir am pana far an teas agus cuir ann an sùgh liomaid agus an cnò-mheannt.

Dòirt a-steach an fheòil chrùbag agus cuir mun cuairt.

Ann an bobhla eile buail trì uighean còmhla ris a’ bhàrr. Cuir ann gu leòr salann agus piobar.

Measgaich còmhla a’ chrùbag agus am bàrr is uighean agus dòirt seo dhan phastraidh.

Air a’ mhullach, cuir an asparag. Chaidh seo a bhruich airson mionaid ann an uisge goileach agus an uairsin fhuair e bogadh ann an uisge fuar.

Sgeadaich cuideachd le beagan parmesan air a bhleith.

Bruich an tort san àmhainn airson 25-30 mionaid.