Main content

An t-Aran Càise is Uinnean aig Màiri

1 uinnean air a fhraidheadh gus a bith e bog
50g ìm
450g flùr làidir airson aran
1 spàin-tì salann
1 pacaid 7g beirm
1 spàin-tì siùcar
100g càise cheddar
100g càise manchego
200ml bainne
1 spàin-tì mace neo pùdair mustard
100ml uisge teth

Cuir air an àmhainn aig teas 220C.

Bleith agus measgaich an dà sheòrsa càise.

Cuir am flùr ann am bobhla. An uair sin cuir ann an t-salann, an t-siùcar is am mace air aon taobh dhan bhobhla agus cuir am beirm air an taobh eile. Cuir ann an t-uinnean, leth dhan ìm agus leth dhan chàise cuideachd.

Dòirt a-staigh am bainne agus cuir a h-uile sion mun cuairt ann an inneal measgachaidh le cromag fuine airson 5 mionaidean air neo obraich an taois le làimh airson 10 gu 15 mionaidean.

Cuir seo gu dara taobh ann an àite blàth fad leth uair gu uair a thìde neo gus am bith e air dùblachadh ann am meudachd.

Às dèidh dhan taois at gu math bheir a-mach às a' bhobhla e agus buail an aer às.

Dèan an uair sin 16 rolaichean às an taois; gan rolaigeadh le làimh ach am bith iad cruinn agus mun aon mheudachd. Lìon tiona ceàrnach le na rolaichean le ceithir rola air gach taobh dhan cheàrnag. Leig leotha fàs a-rithist airson leth uair neo uair an uaireadair.

Leagh an dara leth dhan ìm agus suath seo air muin nan rolaichean. Còmhdaich leis an còrr dhan chaise agus crathadh beag piobar.

Bruich airson leth uair a thìde.