Main content

Mìlsean tofaidh

Am mìlsean tofaidh aig Màiri

Cèic:
150gr deataichean air an gearradh
1 spàin-tì cruinn sòda arain
50gr ìm saillte
Craiteachan beag salainn
150gr siùcar dorcha ruadh
2 ugh
175gr min-fhlùr a dh’èireas
Ìm airson an tiona a chòmhdachadh

Sabhs:
250ml uachdar dùblaichte
80gr ìm
80gr siùcar dorcha ruadh

Cuir air an àmhainn aig teas 180 C.
Dòirt 275ml de dh’ uisge goileach ann am bobhla agus cuir na deataichean ris. Cuir seo mun cuairt agus fàg e airson fuarachadh beagan.
Fhad ‘s a tha sin a fuarachadh tomhas a h-uile sìon eile a tha a’ dol dhan chèic. Cuir seo dhan bhobhla leis na deataichean nuair a tha iad air fuarachadh (ma tha na deataichean ro bhlàth tòisichidh na h–uighean a bruich). Measgaich gus an tig e ri chèile na thaois.
Cuir dhan inneal-mheasgachaidh airson an taois agus na deataichean a dhèanamh nas mìne builleach. Tha thu ga iarraidh mìn ach le pìosan beaga bìodach de dheataichean fhathast rim faicinn troimhe.
Còmhdaich an tiona le ìm agus dòirt a-staigh an taois.
Bruich san àmhainn airson mu 40 mionaid.
Cuir air a bhranndair aig teas meadhanach àrd.
Fhad ‘s a tha a bhranndair a fàs teth, teasaich a h-uile sion a tha dol dhan sabhs ann am panna. Bheir beagan buaileadh dha agus bruich gus an tig e gu ire-goilidh. Dòirt air uachdar a mhìlsean agus cuir bhon bhranndair e gus am bith an sabhs a plubadaich.
Tha e math leis fhèin neo le uachdar neo reòiteag.