An Cèic Banana Bun-Os-Cionn aig Griogair
Airson sabhs caramal agus banana

50g ìm
70g siùcar bog soilleir donn
70ml siorap
4-5 banana abaich, air an gearradh sìos am meadhan
Airson mullach a’ chèic, cuir an t-ìm, an siùcar donn agus an siorap ann am pana air teas ìosal. Leig leis teasachadh air a shocair agus cuir car dheth gus am bi a h-uile sìon air leaghadh agus e tiugh le dath òr-dhonn.
Dòirt an sabhs seo a-nis ann an tiona 9 òirlich, fear a dh’fhosglas aig a chliathaich.
Cuir na bananathan a-nis air muin an sabhs leis an taobh a staigh shìos.
Airson a’ chèic
125g ìm
200g flùr-èirigh
¼ spàin-tì salann
100g siùcar castoir
80g siùcar donn
2 ugh
150ml iogart tiugh
Teasaich an àmhainn gu 175°c (350°F).
Cuir an t-ìm agus an siùcar còmhla ann am bobhla agus measgaich gus an tig e ri chèile.
Buail a-steach na h-uighean, fear mu seach.
Measgaich a-steach beagan flùr. Agus an uairsin an iogart.
Cuir an còrr dhen flùr a-steach. Buail seo gus am bi e mìn.
Dòirt seo air muin na bananathan agus dèan rè a bhàrr.
Cuir a’ chèic a-steach dhan àmhainn agus bruich airson 45-50 mionaid.
Dèan cinnteach gum bi pìos pàipear-bèiceireachd air treidhe san àmhainn fon a’ chèic mus tig an sabhs thairis.
Cùm do shùil air a’ chèic is ma tha mullach a’ chèic a’ fàs ro dhonn, cuir beagan foil air a muin.
Bheir a’ chèic a-mach às an àmhainn agus leig leatha suidhe air treidhe uèir airson 5 mionaidean.
An dèidh 5 mionaidean eile, cuir car dhen chèic agus bheir a-mach às an tiona i.