Main content

Feòil-mairt Wellington

Feòil-mairt Wellington

Filead feòil-mairt
Pacaid de thaois puff
Pacaid Pâté

An toiseach dathaich an fheòil ann am pana teth. Chan fheum thu a bhruich ach mionaid neo dhà air gach taobh dìreach gus an toisich taobh a-muigh an fhèoil a fàs ruadh. Cumaidh seo an fheòil bog agus tais. Leig leis fuarachadh.
Sìn a-mach an duilleag taoise agus cuir an fheòil sa mheadhan. Còmhdaich an fheòil le pate. Dèan pasgan leis an taois mu chuairt an fheòil. Cleachd beagan ugh air a bhualadh airson taobhan na taoise a steigeadh ri chèile. Geàrr dheth na corran agus còmhdach an taois le suathadh de dh’ ugh. Geàrr tuill sa mhullach.
Bruich e anns an àmhainn teth, eadar 200C agus 220C. Bidh an ùine a bheir e bruich a rèir mar is toil leat an fheòil. Airson amh no meadhanach amh bruich airson 20 mionaid air neo 30 neo 40 mionaid mas fheàrr leat an fheòil air a dheagh bhruich.
Feuch e le sabhs fìon dearg agus gratin de bhuntàta.