Main content

Blondies

Na “Blondies” aig Shona

100g teòclaid gheal
125g ìm gun salainn, air a gheàrradh
225g siùcar ruadh bog
3 uighean mòra air am bualadh
1 spàin-tì brìgh faoineige
100g flùr plèan
50g flùr-èirigh
4 spàinean-mhòra pùdar bainne bracha (a leithid Horlick’s)
60g teòclaid air a ghearradh beag
135g buill teòclaid, feadhainn air am pronnadh is feadhain air am fàgail slàn

Cuir an àmhainn air aig teas 170C, no 150C le gaotharan.

Lìnig tiona 20x20 cm le pàipear-bèicearachd.

Leagh an teòclaid gheal agus an t-ìm còmhla.

Fàg e gus am fuaraich e beagan.

An uair sin, cuir an t-siùcar, na h-uighean agus a’ bhrìgh ris an teòclaid gheal agus an t-ìm. Measgaich a h-uile rud còmhla gu math.

Cuir an dà sheòrsa flùr agus pùdar bainne bracha tro shìoltachan dhan bhobhla leis a’ chòrr, agus measgaich a-rithist gus am bi e mìn.

An uair sin, measgaich an teòclaid agus 100g dheth na buill teòclaid leis a’ chòrr agus cuir seo uile dhan tiona.

Bruich a’ chèic san àmhainn airson 35-40 mionaidean, agus fàg san tiona i gus am fuaraich i.

Leagh beagan a bharrachd teòclaid gheal ann am bobhla os cionn pana uisge goileach. Crìochnaich na blondies le bhith frasadh an teòclaid gheal air uachdar na cèic agus sgeadaich le na buill teòclaid a tha air fhàgail. Geàrr agus ith e!