Kellacher - "Cothrom rud sònraichte a dhèanamh"

- Air fhoillseachadh
Thuirt manaidsear Chaley Thistle Inbhir Nis, Scott Kellacher, gu bheil an sgioba air "cothrom a thoirt dhaibh pèin rud sònraichte a dhèanamh" nuair a chluicheas iad East Fife Disathairne.
Ma thogas ICT na trì puingean ann am Methil bidh iad cìnnteach air Lìog 1 a bhuannachadh agus air àite san Championship an ath-sheusan.
Fiù 's mura buannaich iad ge-tà, dh'fhaodadh an lìog a bhith aca fhathast ma nì Alloa fàbhar dhaibh an aghaidh Stenhousemuir.
'S e seo an dàrna seusan aig an sgioba san treas roinn às dèidh dhaibh tuiteam às an Championship ann an 2024.
Goirid às dèidh sin, chaidh iad ann an rianachd is chaidh 15 puingean a thoirt bhuapa.
Chaidh iad an uairsin a ghabhail thairis leis an fhear-gnothachais Ailean Savage, a thug an cluba a-mach à rianachd agus a chuir suidheachadh ionmhais a' chluba air bun-stèidh nas cinntiche.
Fhuair iad air fuireach ann an Lìog 1 cuideachd agus am-bliadhna tha iad air a bhith a' strì airson an tiotail airson a' chuid-mhòr dhen t-seusan.
"Tha e doirbh cluich fìor mhath fad an t-seusan," thuirt Kellacher.
"Tha mi a' smaoineachadh gun do rinn sinn e airson trì chairteal dhe na geamaichean ach bha feadhainn an siud is a seo far an do leig sinn sinn fhèin sìos.
"Ach tha na balaich a-niste air deagh chothrom a thoirt dhaibh pèin airson rud sònraichte a dhèanamh.
"Chan eil mi a' smaoineachadh idir gu bheil a' chùis seachad ge-tà.
"Tha dà gheam fìor mhòr air fhàgail, agus bidh sinne le fòcas air a' gheam Disathairne, mar a tha gach Disathairne," thuirt e.
Mura buannaich ICT an aghaidh East Fife agus ma thogas Stenhousemuir na trì puingean an aghaidh Alloa, thèid an tiotal chun an là mu dheireadh dhen t-seusan.
An là sin tha Caley Thistle aig an taigh an aghaidh Hamaltan le Stenny air falbh an aghaidh Mhon Rois.