Naidheachdan 10:00m
Epstein
Tha rannsachadh a rinneadh leis a' BhBC a' dèanamh dheth gun do chùm an drabastair Jeffrey Epstein boireannaich agus amharas ann gun robh e a' toirt ionnsaigh orra ann am flataichean ann an Lunnainn an dèidh do Phoilis Lunnainn roghnachadh gun rannsachadh a dhèanamh mu dheidhinn. Thuirt am feachd gun robh iad air ceasnachadh reusanta a dhèanamh aig an àm. Thuirt iad gun robh iad ag obair le ùghdarrasan eile airson a bhith cinnteach gu bheil fiosrachadh aig a h-uile buidheann mun chùis. Chaidh buidheann ùr a chur air chois airson taic a thoirt do fheachdan poilis na Rìoghachd Aonaichte a tha a' coimhead ri casaidean co-cheangailte ri faidhlichean Epstein.
NATO
Tha oifigeach Aimeireaganach air innse dhan bhuidhinn naidheachd Reuters gu bheil na Stàitean Aonaichte a' coimhead air dòighean anns am faodadh iad dùthchannan NATO a pheanasachadh agus iad air diùltadh taic a chur ris a' chogadh le Iran. Tha post-dealain bhon Phentagon a' sealltainn gu bheilear a' coimhead às ùr air seasamh Washington air còir Bhreatainn ri na h-Eileanan Fàclannach, am measg eile.
Gàrradh MhicFhearghais
Tha Gàrradh MhicFhearghais, a tha fo shealbh an Riaghaltais, ag ràdh gun deach bacadh a chur orra fhèin agus air gàrraidhean togail bhàtaichean eile air feadh na Rìoghachd bho bhith a' tagradh airson an ath bhàta mòr aig CalMac a thogail. Thuirt an gàrradh nach robh riaghailtean tagraidh ùra CMAL a' ceadachadh dhaibh tagradh a chur a-steach airson na h-obrach airson soitheach a thogail an àite an Lord of the Isles. Thuirt CMAL gum biodh na riaghailtean tagraidh ùra nam buannachd do dh'eileanan.
Bùithdean
Dh'fhàs na chaidh a cheannach anns na bùithdean anns a' Mhàrt - air sàilleabh na bha de dhràibhearan a' ceannach connaidh. Tha àireamhan a nochd an-diugh bho Oifis nan Statistig Nàiseanta a' tomhais gun do dh'fhàs na chaidh a cheannach 0.7% an taca ri ìsleachadh anns a' Ghearran.
Teine Ghlaschu
Tha Comhairle Baile Ghlaschu ag ràdh gum mair an obair gus balla aig taigh-òsta Stèisean a' Mheadhain, a chaidh a mhilleadh anns an teine air Sràid an Aonaidh, a dhèanamh nas seasmhaiche gu tràth anns an Iuchar. Chaidh a' mhòr-chuid den sprùilleach a ghluasad air falbh, ach tha a' Chomhairle ag ràdh gum bi an obair airson am balla a chur air bun-stèidh nas cinntiche greis fhathast.