Tadhail gu leòr am Bàideanach

Fo-thiotal a’ bhidio,

Calum Dòmhnallach le sùil air ais air Ceann a' Ghiùthsaich an aghaidh a' Ghearasdain is Lòbhat an aghaidh Inbhir Aora

  • Air fhoillseachadh

'S iad sgiobaidhean Bhàideanach a th' aig mullach na Prìomh Lìge ann an iomain nam fear is iad air 13 tadhail a chur eatorra air an deireadh-sheachdain.

Tha Baile Ùr an t-Slèibh leotha fhèin le 12 puing às na sia geamaichean aca.

Rinn iad an gnothach 8-1 air Caol-Gleann Disathairne is a dhà de na tadhail a' tighinn bho Sheumas Coyle òg - is seo às dèidh dha còig tadhail a chur dhan dàrna sgioba oidhche Haoine ann an Cupa Shrath Èireann.

Tha Ceann a' Ghiùthsaich a-nise san dàrna àite is iadsan air a' chùis a dhèanamh 5-1 air a' Ghearasdan.

Fìor dheagh là dha Kings is coltas aig an ìre thràth seo gur e rèis eadar fuamhairean Bhàideanach a bhios againn am-bliadhna, seach blàr eadar ceithir sgiobaidhean mar a bh' ann an-uiridh.

Anns na geamaichean eile sa Phrìomh Lìog rinn Camanachd an Òbain an gnothach 4-1 air Loch Abar is cha robh tadhal idir ann sa gheama eadar Cabar Fèidh is Ceann Loch Seile.

Eachdraidheil

San Lìog Nàiseanta tha Gleann Urchadain fhathast aig a' mhullach is iad air tighinn am barr 2-1 an aghaidh GMA.

Tha Lòbhat air an tòir is iadsan air buannachadh 3-2 an aghaidh Inbhir Aora.

'S e tadhal bho Mharc MacLachainn anns na mionaidean mu dheireadh a chum na puingean ann an Cill Taraglain ann an geama anns nach robh ach glè bheag eadar na sgiobaidhean.

Sìos an rathad 's e 3-2 a bh' ann cuideachd dhan Mhanachainn an aghaidh Chill Mhàilidh.

Ann an iomain nam ban 's e deireadh-seachdain car eachdraidheil a bh' ann is Cupa ùr na Prìomh Lìge a' tòiseachadh le dusan cluicheadair air gach sgioba.

Tha e coltach gun do chòrd an cruth ùr ris na Sgitheanaich is iadsan air Loch Abar a chur a-mach 2-0 ann am Port Rìgh, na tadhail a' tighinn bho Chaitlin NicIllEathain is Sarah Yoxon.

'S e 2-0 a bh' ann cuideachd do Cheann Loch Seile an aghaidh GMA is Maura NicCoinnich is Lorna NicRath air an targaid.

Sa Phrìomh Lìog rinn Bàideanach a' chùis air Inbhir Nis 2-0 is Hope Borthwick leis an dà thadal.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte