Fiosrachadh ga shireadh mu dhroch ionnsaigh air fear an Steòrnabhagh

Seacaid poilis
Fo-thiotal an deilbh,

Thachair an ionnsaigh an uairean beaga na maidne Didòmhnaich

  • Air fhoillseachadh

Tha na poilis ann an Steòrnabhagh ag iarraidh taic a' phobaill an dèidh mar a chaidh droch ionnsaigh a thoirt air fireananch sa bhaile air an deireadh-sheachdain.

Thug dithis fhireannach ionnsaigh air taobh a-muigh taigh-bìdh am Big Bite air Sràid an Rubha mu 1:15m madainn na Sàbaid.

Tha oifigearan ag iarraidh bhruidhinn ri duine sam bith a chunnaic na thachair.

Faodaidh duine fònadh thuca air 101 neo tron làraich-lin, taobh a-muigh aig Poileas Alba.

Tha dòigh eile fios a chur air na poilis gun ur n-ainm fhàgail tron chathrannas neo-eisimeileach Crimestoppers air 0800 555 111.