Stiùireadair bàta-teasargainn Mhalaig air a dhreuchd a leigeil dheth

- Air fhoillseachadh
Meal an naidheachd air Mìcheal Iain Currie à Malaig a tha 65 Diciadain. Carson is e naidheachd a tha seo, chanadh cuid?
Tha riaghailtean an RNLI airson criuthaichean nam bàtaichean aca a' ciallachadh gum feum iad na dreuchdan aca fhàgail aig aois 65 agus mar sin tha Mìcheal Iain air an là mu dheireadh aige mar stiùireadair air bàta Mhalaig a dhèanamh.
Thòisich Mìcheal Iain gu saor-thoileach leis an RNLI ann an 2002 ach tha e air a bhith ann an dreuchd an stiùireadair làn-ùine bhon t-Samhain 2008.
Bha e gu math eòlach air uisgeachan na sgìre às dèidh dha bliadhnaichean a chur seachad ag iasgach a-mach à Malaig.
Tha bàta-teasargainn na sgìre ag obair eadar Caol Reatha is Àird nam Murchan, agus tha an sgìre air a bheil i a' frithealadh cuideachd a' gabhail a-steach na h-Eileanan Tarsainn agus Barraigh agus pàirt de chosta an Eilein Sgitheanaich.
Tha tòrr dha na h-eileanan air am bi iad a' frithealadh aig nach eil dotair agus mar sin, gu math tric thèid an gairm airson dotair neo paramedic fhaighinn a-mach thuca agus bidh iad cuideachd a' giùlain euslaintich aig àmannan. Tha iad air poilis is luchd-smàlaidh a thoirt a-mach gu eileanan cuideachd tro na bliadhnaichean.
Agallamh le Mìcheal Iain Currie bho Aithris na Maidne Diciadain.
Bha 2024 an ìre mhath sàmhach do sgioba Mhalaig - thuige seo co-dhiù. Chaidh an gairm 37 turas ach chaidh an gairm 47 turas ann an 2023.
Tha Mìcheal Iain a' coimhead air adhart ri beatha as aonais a' phager obrach agus gum bi saorsa aige ùine a chur seachad air falbh à Malaig gun adhbhar a bhith cho ceangailte ris a' bhaile.
Thadhail cuid air a bheil e eòlach air Mìcheal Iain airson soraidh slàn agus meal an naidheachd a chur air. Thàinig criutha bàta-teasargainn a' Chaoil oidhche Luain le tiodhlaic dha. Chaidh na maor-chladaich agus na poilis a chèilidh air Dimàirt cuideachd.
Tha Mìcheal Iain ag ràdh gu bheil duilgheadasan ann a bhith a' faighinn dhaoine airson an dhol an sàs san RNLI anns a' bhaile, ged a tha criutha Mhalaig falainn gu leòr aig an àm sa. Tha ceathrar air tòiseachadh as ùr agus tha neach eile a' feitheamh ri deuchainn mheidigeach. Bha dùil aig fear eile den chriutha - Iain MacNèill - a dhreuchd a leigeil dheth am-bliadhna ach tha e an dùil fuireach bliadhna eile.
Feumaidh Mìcheal Iain feitheamh bliadhna eile mus tog e am peinnsean agus anns an eadar-ama, chan eil dùil aige a bhith buileach na thàmh. Tha e air bruidhinn ri duine no dhithis sa bhaile aig a bheil soithichean prìobhaideach agus dh' fhaodadh gun obraich e là no dhà san t-seachdain còmhla riuthsan.
Tha e ag ràdh gum bi e ag ionndrainn na h-obrach làitheil agus na daoine ach cha chanadh duine sam bith nach robh Mìcheal Iain a-nise airidh air beagan ùine dha fhèin agus 's dòcha làithean-saora sa ghrèin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An Cèitean 2024
