Goireas do theaghlaichean a dh'fhuiling call ga mholadh an Leòdhas

An làrach an Ùig far a bheil cathrannas airson goireas do theaghlaichean le dùbhlain shlàinte a thogail
Fo-thiotal an deilbh,

An làrach far a bheilear airson an goireas do theaghlaichean a thogail

  • Air fhoillseachadh

Tha buidheann an Ùige Leòdhais le plana airson àitichean-fuirich do theaghlaichean le dùbhlain mu choinneamh far am faigh iad "seachdainean beannachaidh".

Tha an cathrannas clàraichte, Sealladh Àird, Podaichean Bhaile na Cille, airson dà aonad a thogail a bheir taic do phàrantaan dèiligeadh le bàs pàiste agus do chloinn le tinneas a dh'fhaodadh bàs tràth fhaighinn.

"'S dòcha nach bi iad beò ach airson dhà neo trì bliadhna," mhìnich an t-Urramach Ùisdean Stiùbhart, a tha am measg na tha an sàs sa phròiseact, "agus tha sinn airson 's gum faigh iad seachdain saor 's an-asgaidh."

Tha iad cuideachd airson cothrom a thoirt do phàrantan a th' air leanabh a chall suidh sìos "còmhla an àite brèagha far an urrainn dhaibh a bhith a' bruidhinn an dòigh nach urrainn dhaibh a bhith a' bruidhinn an àitichean neo suidheachaidhean eile".

Thuirt Mgr Stiùbhart: "Tha mi fhèin a' creidsinn gur e aon de na taboos mu dheireadh a th' ann agus 's e co-èigneachadh on Thighearna fhèin a th' ann airson cuideachadh a leithid."

Tha leabhran a sgaoil a' bhuidheann a' mìneachadh gur e "àite-fuirich do theaghlaichean agus luchd-tadhail le goireasan-taice slàinte suidhichte an eilean brèagha" a th' anns an amharc aca.

Bhiodh an goireas ùr a' cur ris an obair a tha Hub Dòchais agus Sunnd air a bhith a' dèanamh an sgìre Ùige airson bliadhnaichean a' cumail taic ri sean is òg.

Tha mar-thà £50,000 aig a' bhuidhinn agus tha iad a' tomhas gum bi £250,000 a dhìth orra airson am pròiseact a thoirt gu buil.