Geàrr-chunntas

  1. Tìoraidhair fhoillseachadh aig 11:40 GMT

    Sin e bhuainne madainn an-diugh ma-thà ach cumaibh sùil air BBC Naidheachdan is BBC Spòrs is aithrisean gu leòr gu bhith againn air thoiseach air an t-seusan ùr.

    Taing 'son a bhith còmhla rinn!

  2. Lìogair fhoillseachadh aig 11:36 GMT

    Nise mar a bha sinn ag ràdh, tòisichidh an seusan ùr ann an nas lugha na cola-deug a-nise.

    Seo na geamaichean ann am Prìomh Lìog nam fear air a' chiad dheireadh-sheachdain:

    • Caol-Gleann - Ceann Loch Seile
    • An Gearasdan - Cabar Fèidh
    • Ceann a' Ghiùthsaich - Camanachd an Eilein Sgitheanaich
    • Loch Abar - Caol Bhòid
    • Camanachd an Òbain - Baile Ùr an t-Slèibh

    Agus ann am Prìomh Lìog nam ban gheibh cùisean gu dol leis na geamaichean seo:

    • Gleann Urchadain - Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal
    • Inbhir Nis - Bàideanach
    • Loch Abar - Camanachd an Eilein Sgitheanaich
  3. Theab is nach do theabair fhoillseachadh aig 11:31 GMT

    Tha Caol Bhòid is Baile Ùr an t-Slèibh math fhèin - ach 'son treiseag bheag an siud bha coltas ann gur dòcha gur e Ceann a' Ghiùthsaich an aghaidh a' Bhaile Ùir a bhiodh againn!

    'S dòcha gum bi darbaidh Abrach againn san dàrna chuairt ma 's e is gum faigh Cill Mhàilidh seachad air Gleann Urchadain.

    Dè tha a' glacadh do shùil fhèin?

  4. Cinn-là cudromach ma tha...air fhoillseachadh aig 11:29 GMT

    Thèid geamannan na ciad cuairt a chluiche air an 2mh den Chèitean agus geamannan na dàrna cuairt air an 30mh den Chèitean.

  5. Sùilean air Taigh na Bruaichair fhoillseachadh aig 11:27 GMT

    Uill bha sinn a-mach nas tràithe air dealbh ainmeil Eyes on the Ball - dealbh a chaidh a thogail anns na 70an nuair a bha sreath de chuairtean deireannach iongantach ann eadar Baile Ùr an t-Slèibh is Caol Bhòid. Coinnichidh na fuamhairean sin uair eile san dàrna chuairt am-bliadhna - chan eil ceist nach e sin an geama as inntinniche a thàinig às an ad an-diugh.

    Baile Ùr an t-Slèibh gu math nas làidire na tha Caol Bhòid an-dràsta chanadh tu.....ach shìos ann an Taigh na Bruaich agus ann an Cupa na Camanachd - cò aig a tha fios dè dh'fhaodadh tachairt!

    Eyes on the BallTùs an deilbh, Tasglann Chomann na Camanachd
  6. An Dàrna Cuairt: na geamannan uileair fhoillseachadh aig 11:25 GMT

    Eilean Bhòid / Inbhir Aora - An t-Eilean Sgitheanach

    Loch Abar - Cill Mhàilidh / Gleann Urchadain

    Cabar Fèidh - Ceiltich an Òbain / Àird nam Murchan

    Obar Dobhair / A' Mhanachainn - Camanachd an Òbain

    GMA / Srath Ghlais - Ceann Loch Seile

    Inbhir Nis / Lòbhat - An Gearasdan

    Caol Bhòid - Baile Ùr an t-Slèibh

    Ceann a' Ghiùthsaich - Caol-Gleann

  7. A' Chiad Chuairt: na geamaichean uileair fhoillseachadh aig 11:20 GMT

    Obar Dobhair - A' Mhanachainn

    Cill Mhàilidh - Gleann Urchadain

    Ceiltich an Òbain - Àird nam Murchan

    GMA - Srath Ghlais

    Eilean Bhòid - Inbhir Aora

    Inbhir Nis - Lòbhat

  8. Agus sin an taghadh!air fhoillseachadh aig 11:19 GMT

    Nach iad a bha ann an cabhag!

    Ach tha geamaichean tarraingeach gu leòr againn san amharc.

  9. Dàrna Cuairtair fhoillseachadh aig 11:18 GMT

    Ceann a' Ghiùthsaich - Caol-Gleann

  10. Dàrna Cuairtair fhoillseachadh aig 11:17 GMT

    Abair geama!

    Caol Bhòid - Baile Ùr an t-Slèibh

  11. Dàrna Cuairtair fhoillseachadh aig 11:17 GMT

    Inbhir Nis / Lòbhat - An Gearasdan

  12. Dàrna Cuairtair fhoillseachadh aig 11:16 GMT

    GMA / Srath Ghlais - Ceann Loch Seile

  13. Dàrna Cuairtair fhoillseachadh aig 11:16 GMT

    Obar Dobhair / A' Mhanachainn - Camanachd an Òbain

  14. Dàrna Cuairtair fhoillseachadh aig 11:15 GMT

    Cabar Fèidh - Ceiltich an Òbain / Àird nam Murchan

  15. Dàrna Cuairtair fhoillseachadh aig 11:15 GMT

    Loch Abar - Cill Mhàilidh / Gleann Urchadain

  16. Dàrna Cuairtair fhoillseachadh aig 11:14 GMT

    Eilean Bhòid / Inbhir Aora - An t-Eilean Sgitheanach

  17. A' Chiad Chuairtair fhoillseachadh aig 11:11 GMT

    Inbhir Nis - Lòbhat

  18. A' Chiad Chuairtair fhoillseachadh aig 11:11 GMT

    Eilean Bhòid - Inbhir Aora

  19. A' Chiad Chuairtair fhoillseachadh aig 11:11 GMT

    GMA - Srath Ghlais