Tiristich a' sireadh taice à Lindisfarne a thaobh HPMA

  • Air fhoillseachadh
LindisfarneTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Rinn muinntir Lindisfarne iomairt shoirbheachail an aghaidh sgìre HPMA is dragh orra gun dèanadh e sgrios air eaconomaidh an eilein.

Tha muinntir Thiriodh a' bruidhinn ri muinntir Lindisfarne, no Holy Island, ann an Northumberland mu iomairt a rinn iad gus stad a chur air Sgìre Fìor Ghlèidhte aig Muir faisg orra.

Bha na Tiristich mar-thà am measg grunn choimhearsnachdan air costa siar na h-Alba a thog iomagain mun bhuaidh a dh'fhaodadh sgìrean HPMA a tha san amharc aig Riaghaltas na h-Alba toirt orra.

Bheireadh na planaichean buaidh air co-dhiù 10% de dh'uisgeachan na h-Alba is bhiodh iasgach air a chasg.

Tha coimhearsnachdan air rabhadh a thoirt gun dèanadh na planaichean sgrios orra.

Rinn muinntir Lindisfarne iomairt làidir nuair a thàinig e am bàrr gun robh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' beachdachadh air HPMA a stèidheachadh san sgìre.

Thuirt eileanaich gum biodh call mòr ann nam biodh iasgach air a chasg.

Buannachd

Dhearbh an riaghaltas sa Ghearran nach biodh HPMA faisg air Lindisfarne.

Tha na Tiristich airson ionnsachadh às na rinn muinntir Lindisfarne is còmhraidhean air a bhith a' dol air adhart.

Thuirt an Dotair John Holliday bho Chomhairle Coimhearsnachd Thiriodh gu bheil an dà eilean glè choltach ri chèile agus gu bheil iad mar-thà a' faighinn buannachd às na còmhraidhean.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach deach co-dhùnadh càite am bi sgìrean HMPA air an stèidheachadh.

Dùinidh co-chomhairle, taobh a-muigh mun chùis air an 17mh den Ghiblean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo