Ag atharrachadh cuspair foirmle
Nuair a bhios sinn ag atharrachadh cuspair foirmle, bidh sinn airson am foirmle ath-rèiteachadh gus am bi cuspair diofraichte againn. Gus seo a dhèanamh, cuimhnich:
Atharraich taobh, atharraich obrachadh
Ga chur ann an dòigh eile, ma ghluaiseas tu teirm bho aon taobh dhen t-samhla ‘co-ionann ri' chun an taoibh eile, feumaidh tu an t-obrachadh atharrachadh gus a dhol an aghaidh sin. Mar eisimpleir, ma tha an teirm a tha thu airson a ghluasad a' cur-ris, bidh e a' toirt-air-falbh nuair a ghluaiseas tu e chun an taoibh eile.
Question
'S e an co-aontar coitcheann airson loidhne dhìreach \(y = mx + c\). Ath-rèirich am foirmle seo gus an e \(c\) an cuspair.
An toiseach, ath-sgrìobh an co-aontar gus am bi \(c\) air an taobh chlì.
\(mx + c = y\)
An uair sin, gluais \(mx\) chun an taoibh eile. Mar a chì thu, tha an teirm seo a' cur-ris an-dràsta. Mar sin nuair a ghluaiseas tu e chun an taoibh eile dhen cho-aontar, thèid e an aghaidh sin – bidh e a' toirt-air-falbh.
\(c = y - mx\)
Question
'S e am foirmle gus tomhas-lìonaidh priosam obrachadh a-mach \(V = Ah\). Ath-rèitich am foirmle seo gus an e \(h\) an cuspair.
An toiseach, ath-sgrìobh an co-aontar gus am bi \(h\) air an taobh chlì.
\(Ah = V\)
Chì thu a-nis gu bheil \(A\) ag iomadachadh \(h\), Mar sin nuair a ghluaiseas tu e chun an taoibh eile, thèid e an aghaidh sin agus bidh e a' roinn.
\(h = \frac{V}{A}\)
Question
Atharraich cuspair an fhoirmle \(d = 4t -7\) gu \(t\).
\(d=4t-7\)
\(4t - 7 = d\)
\(4t = d + 7\)
\(t =\frac{d+7}{4}\)