Faodaidh roghainn bìdh sheasmhach diofar mòr a dhèanamh dhan àrainneachd chruinneil agus ionadail againn.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Dè th' ann am mìltean bìdh
- Dè tha biadh ràitheil a' ciallachadh
- Carson a tha caitheamh bìdh na dhuilgheadas agus mar a lùghdaicheas sinn e
- Na buannachdan agus na dùbhlain an cois roghainnean bìdh seasmhach a dhèanamh
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (Curraicealam airson Sàr-mhathais An Dàrna Ìre).
Meuran-èisg, buntàta agus peasraichean.
Blasta!
Ach an do smaoinich thu riamh air mar a bhios biadh a' faighinn gu na truinnsearan againn?
Tha, tha Dad ga dhèanamh ach ron sin.
Tha turas nam meuran-èisg a' tòiseachadh sa mhuir.
Chan eil, chan eil dha-rìribh meuran air iasg.
Bidh bàtaichean-iasgaich a' glacadh an èisg ann an lìn. Bidh an t-iasg an uair sin a' dol gu factaraidh agus air a dhèanamh na mheuran-èisg.
Bidh buntàta agus peasraichean a' fàs air tuathanas.
Tha e cudromach tuigsinn cò às a tha am biadh againn a' tighinn, chionn bidh na roghainnean a nì sinn a' toirt buaidh air an àrainneachd.
Mar a bhith ag ithe biadh ràitheil bho àitichean ionadail.
Tha diofar bhiadhan air an togail aig diofar amannan dhen bhliadhna; mar ùbhlan as t-fhoghar, no subhan-làir as t-samhradh.
Nuair a bhios biadh a' fàs gu h-ionadail mar seo, cha bhi aige ri siubhal fada dha na bùithtean.
Ach ma chì thu ùbhlan sa Ghiblean, 's iongantach mura do shiubhail iad gu math fada mus do ràinig iad a' mhòr-bhùth.
Thigeadh iad a seo air bàtaichean bathair agus làraidhean; a' losgadh connadh, a' leigeil toit mu sgaoil bho phìoban-traoghaidh agus a' cur ri teasachadh na cruinne.
Mar sin, mar as motha a dh'itheas sinn de bhiadh ràitheil, 's ann as fheàrr dhan phlanaid.
Dòigh mhath eile air a' phlanaid a chuideachadh, 's ann le bhith a' lùghdachadh sgudal bìdh.
Chaidh 4.5 millean tunna de bhiadh a shadail às san Rìoghachd Aonaichte ann an 2019, sin agad làn 900,000 baga-bùtha!
Mar as motha a bhios sinn a' caitheamh de bhiadh, 's ann as motha a dh'fheumas sinn de dh'iasg às a' mhuir, 's ann as motha a dh'fheumas sinn a chur de bhàrr agus 's ann as motha a dh'fheumas sinn de bheathaichean àrach airson feòil agus bathar bainne.
Tha sin a' ciallachadh gum feum sinn barrachd talamh àiteachais, agus bidh àitichean fiadhaich agus àireamh nam beathaichean a' dol sìos gu cruinneil.
Agus tha barrachd talamh àiteachais a' ciallachadh barrachd todhair.
Bidh todhar ceimigeach uaireannan a' milleadh àrainneachdan ionadail agus fiadh-bheatha.
Ach na gabh dragh, faodaidh tu do bhrù a lìonadh!
Mura tèid agad air crìoch a chur air do bhiadh, cuir dhan frids e agus gabh e na ghrèim uaireigin eile.
Mmm, ceapairean le meuran-èisg.
No cuir ann am biona a' bhìdh e.
Mar sin, an àite a dhol gu lìonadh-talmhainn, thèid na meuran èisg ath-chuairteachadh agus gabhaidh iad fiù 's an cleachdadh airson dealan a ghintinn.
Cuimhnich mar sin gun urrainn dhut a' phlanaid a chuideachadh a h-uile latha dìreach le bhith ag ithe biadh ionadail, a' seachnadh ana-caitheamh agus a' cleachdadh biona a' bhìdh.
A' toirt buaidh dheimhinneach air an àrainneachd
An robh fios agad gum bi sinn a' toirt buaidh dheimhinneach air an àrainneachd tro na roghainnean bìdh a nì sinn?
Seo rudan a dh'fhaodas sinn a dhèanamh:
Na mìltean bìdh againn a lùghdachadh, ithe a rèir na ràithe agus barrachd bìdh ithe stèidhichte air lusan
Mìltean bìdh
Tha mìltean bìdh ag innse dè cho fada 's a shiubhail biadh mus do ràinig e thu.
Mar as fhaide a dh'fheumas biadh siubhal mus tèid ithe, 's ann as miosa a tha e dhan àrainneachd. Tha seo a chionn 's gum bi e air a ghiùlan air làraidh, bàta agus/no plèan a bhios a' cleachdadh connadh a bhios a' dèanamh cron air an àrainneachd.
Ma dh'itheas sinn biadh a chaidh fhàs gu h-ionadail, cha bhi e air siubhal cho fada airson faighinn thugainn. Tha seo a' ciallachadh nach bi uiread de bhuaidh aige air an àrainneachd.
Mìltean bìdh. revision-guideMìltean bìdh
Faigh a-mach barrachd mu mhìltean bìdh san artaigil seo

Biadh ràitheil
'S e biadh ràitheil measan agus lusan a tha abaich agus deiseil ann an ràith shònraichte.
Mar eisimpleir, ann an Alba bidh sinn a' togail shubhan-làir as t-samhradh. Ma tha sinn ag iarraidh shubhan-làir ùra anns a' gheamhradh, feumaidh sinn an toirt a-steach à dùthchannan eile no am fàs ann an taighean-glainne anns am bi teas agus solas bho dhealan.
Ma bhios fios againn cuin a tha biadh ga fhàs gu h-ionadail, cuidichidh e sinn gu daithead sheasmhach, ionadail a bhith againn, nas lugha de mhìltean-bìdh agus bidh sinn a' cuideachadh na h-àrainneachd.
Biadh ràitheil. revision-guideBiadh ràitheil
Faigh a-mach barrachd mu bhiadh ràitheil san artaigil seo


Biadh stèidhichte air lusan
'S e biadh stèidhichte air lusan a th' ann am measan, lusan, pònair, cnothan, gràn, sìol agus fiù 's feamainn.
Feumaidh lusan a bhios tu a' fàs airson biadh talamh agus lùth, ach bidh na lusan a' faighinn a' mhòr-chuid dhen lùth sin bhon ghrèin.
Tha beathaichean a tha air an cumail airson feòil, uighean no bathar bainne a' cur feum air barrachd lùth. Bidh na beathaichean a' faighinn lùth bho bhiadh, ach dìreach mar a tha sinn fhèin, tha tòrr dhen lùth sin air a chosg air gluasad agus fuincseanan bodhaig. Tha fada nas lugha dhen lùth a' dol a dh'ionnsaigh biadh do dhaoine.
'S e duilgheadas eile gum bi crodh a' dèanamh tòrr meatan. Sin gas taigh-glainne a bhios a' cur ri blàthachadh na cruinne.
Ma dh'itheas sinn barrachd bìdh stèidhichte air lusan, dh'fhaodadh gum bi an daithead againn nas seasmhaiche.

Seo rudan a dh'fhaodas tu a dhèanamh:

Image caption, Seall air a' phacadh air do bhiadh airson faighinn a-mach dè cho fada 's a shiubhail e mus do ràinig e thu
Bidh cuid de chompanaidhean a' fàs biadh ann an aon dùthaich, ga ghiùlan a dh'àiteigin eile airson a phacadh, agus an uair sin ga chur thugadsa. Bidh companaidhean a' dèanamh seo airson airgead a chaomhnadh, ach tha e a' cur tòrr mhìltean bìdh ris agus chan eil e seasmhach. Le bhith a' coimhead a-mach airson an fhiosrachaidh seo, cuidichidh e thu gu bhith a' taghadh chompanaidhean a bhios a' dèanamh biadh ann an dòigh nas seasmhaiche. (Radharc Images / Alamy Stock Photo)

Image caption, Feuch fhèin ri pàirt dhe do bhiadh fhàs
Chan fheumadh e mar sin siubhal fada idir! (Panther Media GmbH / Alamy Stock Photo)

Image caption, Gabh barrachd bìdh stèidhichte air lusan
Mura biomaid ag ithe uiread de dh'fheòil no de bhathar bainne agus ag ithe barrachd bìdh stèidhichte air lusan, dh'fhaodadh nach leigeamaid a leas uiread de thalamh no de lùth airson biadh a dhèanamh. (Magdalena Bujak / Alamy Stock Photo)
1 of 3
Nas lugha de chaitheamh bìdh

Tha mu 4.5 millean tunna de bhiadh ga chaitheamh san RA gach bliadhna. Tha sin coltach ri 4.5 millean càr de chuideam! 'S e biadh à bùithtean agus supermarcaitean a tha seachad air an deit a th' ann am pàirt dheth, agus cuideachd corran bìdh à taighean-bidh. Tha sinn a' caitheamh tòrr bìdh aig an taigh cuideachd.
Tha seo na dhuilgheadas mòr dhan chinne-daonna oir:
mar as motha de bhiadh a bhios sinn a' caitheamh gun adhbhar, 's ann as motha de dh'iasg, feòil agus lusan a dh'fheumas tighinn às an àrainn aca gun adhbhar.
cha bhi an uair sin uiread de dh'iasg anns a' mhuir, bidh barrachd todhar ceimigeachStuthan a tha air am frasadh air bàrr no air an cur dhan ùir airson iad fhèin agus stòran bìdh eile a chuideachadh gu fàs. Faodaidh todhar ceimigeach cron a dhèanamh air an àrainneachd agus air slàinte. anns an talamh, agus thèid barrachd talmhainn agus barrachd choilltean a ghlanadh airson beathaichean àrach, agus tha sin uile a' milleadh na fiadh-bheatha agus na h-eag-shiostaman ionadail.


Tha taobh beusailMu cheistean co-cheangailte ri ceart agus ceàrr agus mar bu chòir dhuinn sinn fhèin a ghiùlan. air caitheamh bìdh cuideachd.
Tha sinn a' fuireach ann an dùthaich sa bheil a' mhòr-chuid de dhaoine fortanach gu bheil de bhiadh againn na tha sinn ag iarraidh. Chan eil a h-uile duine air an t-saoghal cho fortanach 's gu bheil uiread de bhiadh aca.
Bu chòir dhan chinne-daonna gu lèir smaoineachadh barrachd air ciamar a lùghdaicheas sinn caitheamh bìdh nach leigeamaid a leas, agus biadh a sgaoileadh ann an dòigh nas cothromaiche air feadh an t-saoghail, agus san rìoghachd againn fhèin, gus nach bi duine leis an acras.

Seo rudan a dh'fhaodas tu a dhèanamh airson caitheamh bìdh a lùghdachadh:

Image caption, Na ceannaich ach na dh'fheumas tu de bhiadh
Bidh daoine glè thric a' ceannach cus bìdh agus bidh pàirt dheth ga chaitheamh. Ma nì thu plana airson gach tràth bìdh agus ma nì thu liosta airson na bùtha, cha cheannaich thu ach an stuth a tha a dhìth ort. (Elizabeth Crego / Alamy Stock Photo)

Image caption, Cuir corran bìdh dhan bhiona airson biadh
Gabhaidh corran bìdh stèidhichte air lusan a chleachdadh airson compost a dhèanamh a chuidicheas lusan gu fàs. Tha cuid de dh'innealan compostaidh gnìomhachais a bhriseas sìos feòil agus iasg a nì cuideachd biadh do lusan. Gabhaidh corran bìdh cuideachd an cleachdadh mar bhith-chonnadh airson dealan a ghintinn. (Carolyn Jenkins / Alamy Stock Photo)

Image caption, Thoir leat dhachaigh biadh àm lòin sam bith nach do chrìochnaich thu
Seall dha na h-inbhich agad dè na tha thu ag ithe gach latha airson gum bruidhinn sibh air dè is toigh leat agus dè nach toigh. Faodaidh sibh bruidhinn mun dòigh as fheàrr air dèanamh cinnteach à daithead fhallain, chothromaichte agus gearradh sìos air biadh nach eil sibh ag iarraidh. (Dinodia Photos / Alamy Stock Photo)
1 of 3
Cuimhnich!
Ged as urrainn dhuinn biadh a chompostadh ann am bionaichean sgudal bìdh, chaidh fhathast a dhèanamh, agus tha e mar sin air buaidh a thoirt air an àrainneachd mar-thà.
'S e an rud as fheàrr as urrainn dhuinn a dhèanamh na tha sinn a' caitheamh de bhiadh a lùghdachadh.
Caitheamh bìdh. revision-guideCaitheamh bìdh
Faigh a-mach barrachd mu chaitheamh bìdh san artaigil seo

Buannachd agus dùbhlain an cois a bhith a' dèanamh roghainnean bìdh seasmhach
Buannachdan
Ma bhios modhan seasmhach againn a thaobh biadh, mar a bhith a' lùghdachadh na tha sinn a' caitheamh de bhiadh agus gun dèan sinn roghainnean math mun bhiadh a bhios sinn ag ithe, thèid againn air solar bìdh an t-saoghail a ghleidheadh agus ar buaidh air an àrainneachd a lùghdachadh.
Le bhith a' lùghdachadh caitheamh bìdh agus a' planadh na tha thu a' ceannach, thèid agad air airgead a chaomhnadh. Mar as lugha a cheannaicheas tu de bhiadh agus a chaitheas tu, 's ann as lugha a chosgas tu.
Gabhaidh biadh a chaidh a chompostadh a chleachdadh airson tuilleadh bìdh fhàs, no fiù 's airson dealan a ghintinn.
Dùbhlain
'S dòcha nach bi fios aig daoine ciamar a phlanas iad biadh airson liosta-bùtha a dhèanamh.
'S dòcha gum bi daoine ro thrang airson smaoineachadh mu phlana airson a' bhìdh a bhios iad a' ceannach. Uaireannan bidh seo a' ciallachadh gun ceannaich iad cus agus an uair sin thèid am biadh a chaitheamh bhon a tha e seachad air an deit aige.
Tha compostadh agus iomadh dòigh ath-chuairteachaidh eile a' cur feum air ùine agus rùm, agus chan eil sin aig a h-uile duine. Faodaidh nach eil fios aig cuid eile càit an tòisich iad.

seasmhach - A' dèanamh rudeigin nach dèan milleadh, no co-dhiù glè bheag, air an àrainneachd agus mairidh e airson ùine mhòr.
mìltean bìdh - An t-astar a bhios biadh a' siubhal bhon dùthaich sa bheil e a' fàs gu far an ceannaich no an ith an neach-ceannach e. Mar as motha de mhìltean bìdh a dh'fheumas biadh, 's ann as lugha a tha de sheasmhachd aige agus 's ann as miosa a tha e dhan àrainneachd.
a' gabhail biadh ràitheil - Ag ithe biadh a chaidh fhàs gu h-ionadail agus a chaidh a bhuain san ràith seo. Mar eisimpleir, ag ithe subhan-làir à Alba as t-samhradh ach gun an ithe aig àm sam bith eile.
todhar ceimigeach - Stuthan a tha air am frasadh air bàrr no air an cur dhan ùir airson iad fhèin agus stòran bìdh eile a chuideachadh gu fàs. Faodaidh todhar ceimigeach cron a dhèanamh air an àrainneachd agus air slàinte. Sin an t-adhbhar a bhios cuid a' roghnachadh biadh organach ithe (biadh air fhàs gun todhar ceimigeach).
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean

Faigh a-mach a' phrìomh adhbhar airson a' chaitheamh bìdh agad.
An e biadh a tha thu a' fàgail air an truinnsear no biadh a chaidh seachad air an deit?
Tomhais na tha an teaghlach agad a' caitheamh de bhiadh san taigh ann an seachdain.
Faighnich am faod thu cuideachadh a' ceannach a' bhìdh an ath sheachdain feuch an lùghdaich an teaghlach agaibh na tha sibh a' caitheamh de bhiadh.
Tomhais an sgudal bìdh deireadh na dara seachdain agus faic an deach agaibh air caitheamh bìdh a lùghdachadh.
(Cuimhnich gun compost thu sgudal bìdh mas urrainn dhut!)
(Mar dhùbhlan a bharrachd, coimhead air pacadh a' bhìdh a bhios do theaghlach a' ceannach. Dèan nòta dhen àite sa bheil am biadh ga fhàs agus ga phacadh. An lorg thu rudeigin a tha a' fàs gu h-ionadail agus san ràith agus rudeigin a chaidh a thoirt a-steach dhan rìoghachd? Feuch an lorg thu na h-àitichean agus na dùthchannan air map.)
More on Stuthan agus stòrasan
Find out more by working through a topic
- count2 of 7

- count3 of 7

- count4 of 7

- count5 of 7
