Tha uisge riatanach. Cha bhiodh beatha idir air an Talamh às aonais.
Tha e cudromach gun cleachd sinn e ann an dòigh chiallach agus gun coimhead sinn às dèidh nan stòran uisge againn.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Carson a tha uisge air a chleachdadh
- Mar a tha solar uisge ann an Alba an taca ri dùthchannan eile
- Far às a bheil uisge òil a' tighinn
- Far am bi uisge salach a' dol
- Mar a chaomhnas sinn uisge gus nach bi e air a chaitheamh
- Buannachdan agus dùbhlain a thaobh cleachdadh uisge
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (Curraicealam airson Sàr-mhathais An Dàrna Ìre).
Tud, tud, tud. Seall seo: boinne às an tap, an t-amar a' cur thairis, inneal-nigheadaireachd gun ann ach aon stocainn.
Hoigh!
Tha uisge uabhasach cudromach. Feumaidh sinn coimhead às a dhèidh.
Gun uisge, cha bhiodh beatha air an Talamh.
Feumaidh sinn uile e – lusan, beathaichean agus daoine - airson a bhith beò.
Tha 71% de dh'uachdar na Talmhainn air a chòmhdach le uisge.
Ach chan eil ach 1% na fhìor-uisge agus sin a tha a dhìth air a' mhòr-chuid de lusan agus de bheathaichean air tìr.
Tha cuid de dhùthchannan a tha glè thioram agus teth gun mòran uisge idir.
Bidh seo ag adhbharachadh tart a chuireas às de bhàrr, de bheathaichean agus de dhaoine fiù 's.
Agus tha teasachadh na cruinne air àitichean tioram a dhèanamh fiù 's nas tioraime.
Chan eil fhios nach toir teasachadh na cruinne buaidh fiù 's air solar uisge ann an Alba san àm ri teachd. Ag adhbharachadh gainne ann an cuid a phàirtean den dùthaich.
Ach an-dràsta, tha uisge gu leòr ann an Alba.
Carson mar sin a tha e cudromach dè na chleachdas sinn de dh'uisge?
Uill, ann an Alba, tha an t-uisge a bhios sinn a' cleachdadh a' tighinn bho aibhnichean, stòr-amaran agus lochan.
Bidh e a' dol gu ionad-leasachaidh uisge airson a ghlanadh.
An dèidh salchar cronail agus bacteria a thoirt às, tha an t-uisge a' tighinn dha na dachaighean againn ann am pìob.
Tha gach neach a' cleachdadh mu 140 liotair dhen uisge sin gach latha airson nighe, glanadh, còcaireachd, òl agus toidhleatan.
(OSNA) Nach robh thu ag èisteachd?
Co-dhiù…
Feumar a h-uile sgath dhen uisge shalach bho do dhachaigh, agus bho ghnìomhachasan, a ghlanadh ann an ionadan-leasachaidh mus tèid a thilleadh dhan àrainneachd.
'S e an rud ge-tà gum bi ionadan-leasachaidh uisge a' cleachdadh tòrr dealain agus chan eil sin ro mhath dhan àrainneachd.
Mar sin, mar as lugha a chleachdas sinn de dh'uisge, 's ann as fheàrr.
Cha leig thu leas a bhith cho fada a' gabhail fras, no uiread de dh'uisge a chur dhan amar.
Cuir dheth an tap nuair a bhios tu a' glanadh d' fhiaclan.
Agus bi cinnteach nach eil boinne aiste.
Cuir ort aodach barrachd air aon turas, fhad 's a tha e fhathast glan, seach a nighe sa bhad.
Agus am feum thu uisge botail?
Lìon glainne no botal a ghabhas ath-lìonadh bhon tap na àite. Mar sin cha bhi thu a' cleachdadh uiread de phlastaig nas mò.
Bidh uisge ga chleachdadh cuideachd airson biadh fhàs, aodach a dhèanamh agus tòrr rudan eile.
Mar sin, faodaidh na tha sinn ag ithe, a' cur oirnn agus a' ceannach, buaidh mhòr a thoirt air solar uisge air feadh an t-saoghail.
Agus dh'fhaodadh tu gun an toidhleat a tharraing gach turas a nì thu dileag.
Ach 's dòcha gum bu chòir dhut sin aontachadh ris an teaghlach agad an toiseach!
Uisge air an Talamh
Tha 71% de Phlanaid na Talmhainn air a chòmhdach le uisge. Le sin 's dòcha gum bi thu an dùil gu bheil tòrr againn airson a chleachdadh, ach chan eil ach 1% a ghabhas òl.
'S e sàl, uisge saillte anns a' mhuir agus anns na cuantan, a tha sa mhòr-chuid dhen uisge air an Talamh. Feumaidh daoine, beathaichean agus lusan fìor-uisge chionn chan urrainn ar bodhaigean uisge saillte a phròiseasadh.
Mar a tha an àireamh-sluaigh air an Talamh a' dol suas, tha barrachd feum air fìor-uisge glan. Ach tha an aon uiread de dh'uisge a' fuireach air an Talamh bhon a tha e air ath-chuairteachadh a-rithist agus a-rithist ann am pròiseas ris an canar cuairt an uisgeAm pròiseas anns am bi uisge a' gluasad bho uachdar na Talmhainn, suas dhan adhar agus air ais a-rithist gu talamh. 'S e na trì ceumannan ann an cuairt an uisge deatachadh, co-dhlùthachadh agus sileadh.. Tha seo a' ciallachadh gum bu chòir dhuinn ar dìcheall a dhèanamh gun sgath dheth a chaitheamh.

Carson a tha uisge air a chleachdadh?
Aig an taigh bidh sinn ga òl, a' còcaireachd leis, gar nighe fhèin agus aodach leis agus ga chleachdadh anns an toidhleat.
Tha feum air uisge airson pàircean poblach agus airson amaran-snàmh a lìonadh. Tha gnìomhachasan agus seirbheisean eile sa choimhearsnachd (mar an t-seirbheis-smàlaidh) a' cur feum air uisge cuideachd.
'S dòcha nach robh fios agad, ach tha feum air tòrr uisge cuideachd airson àiteachas, gnìomhachas agus dealan. Mar eisimpleir airson:
- uisge a chur air bàrr agus airson biadh, beathaichean agus aodach
- cumhachd dealan-uisge, nan tonnan 's an làin a ghlacadh
- connadh-fosail agus stèiseanan cumhachd niùclasach fhuarachadh
- a bhith a' dèanamh agus a' dath aodach agus teacstaidhlean
- a bhith a' dèanamh stàilinn, concrait, plastaigean, pàipear agus bathar eile
Mar sin chan e a-mhàin uisge bhon tap a bhios sinn a' cleachdadh gach latha. Tha sinn a' cleachdadh tòrr uisge nach fhaic sinn. 'S dòcha gum bi cuid dhen seo ann an dùthchannan anns nach eil mòran uisge, agus mar sin bu chòir dhuinn smaoineachadh gu math mu dheidhinn na bhios sinn a' cleachdadh agus mar a b' urrainn dhuinn a lùghdachadh.
Uisge ann an Alba
Cò às a tha uisge òil a' tighinn?

Ann an Alba tha tòrr lochan fìor-uisge againn, aibhnichean agus stòr-amar Sgìre uisge mhòr, glè thric air a dhèanamh le daoine, a chaidh a chruthachadh le bhith a' cur stad air sruthadh nàdarra uisge., a bharrachd air uisge adhair gu leòr a lìonas iad.
Ach mus tèid againn air òl, tha an t-uisge a' dol ann am pìoban gu ionadan-glanaidh uisge far a bheil bacteria agus salchar cronail air a ghlanadh às.
Bidh pìoban fon talamh an uair sin a' giùlan an uisge ghlan gu ar dachaighean.

Dè bhios a' tachairt dhan uisge shalach againn?

Bidh uisge salach a' dol sìos an drèan dha na pìoban òtrachais a bhios ga thoirt gu ionad-glanaidh uisge. Thèid a ghlanadh an sin agus an uair sin a thilleadh dha na h-aibhnichean agus dhan mhuir.
Tha na h-ionadan-glanaidh seo a' cleachdadh tòrr dealain, agus chan eil sin math dhan àrainneachd. Mar as lugha a chaitheas sinn de dh'uisge, 's ann as fheàrr e dhan àrainneachd agus 's e seo an rud ceart ri dhèanamh nuair a tha feadhainn eile air an t-saoghal gann de dh'uisge.

Mar a tha solar uisge Alba an taca ri dùthchannan eile

Ann an Alba bidh daoine a' cleachdadh mu 165 liotairean uisge san latha airson nigheadaireachd, glanadh, còcaireachd, òl agus san toidhleat.
Ach chan eil uiread de chothrom air uisge ann an cuid de dhùthchannan an t-saoghail. 'S dòcha gu bheil iad ann an àitichean a tha uabhasach tioram agus teth. Chan eil airgead gu leòr ann an iomadh dùthaich airson pìoban uisge a thogail a bheireadh uisge gu taighean dhaoine, no goireasan glanadh uisge airson a bhith cinnteach gu bheil an t-uisge glan.
Faodaidh tartNuair nach tig uisge airson ùine mhòr agus a bhios an talamh tioram agus cruaidh. buaidh mhòr a thoirt air beatha dhaoine. Faodaidh gum bi barrachd bacaidh air uisge fhaighinn ann an àitichean sa bheil tart. Mar sin 's dòcha nach bi an aon chothrom aig daoine air uisge sa bhad mar a tha sinne fortanach a bhith againn.
Ann an cuid de dhùthchannan nach eil cho leasaichte, feumaidh daoine na tha iad a' cleachdadh de dh'uisge a raiseanA' cumail smachd air an uiread de rud a tha air a chleachdadh. Nuair a tha stòrasan gann, feumar an raiseanadh. Mar eisimpleir, rè an Dara Cogaidh, bha biadh air a raiseanadh airson gun deigheadh a riarachadh gu cothromach.. 'S dòcha gum bi astar mòr ri choiseachd airson uisge glan fhaighinn. Glè thric feumaidh clann, nigheanan gu h-àraidh, uisge fhaighinn dhan teaghlach aca. Dh'fhaodadh seo a bhith a' ciallachadh nach eil ùine aca a dhol dhan sgoil a dh'ionnsachadh.
An smaoinich thu air an diofar eadar sin agus mar a tha sinne a' faighinn uisge?

Ciamar a chaomhnas sinn uisge bho bhith ga chaitheamh?
Seo rudan a dh'fhaodas sinn a dhèanamh:

Image caption, Lìon glainne no botal às an tap seach uisge botail a chleachdadh
Tha barrachd uisge ga chleachdadh a' dèanamh botal plastaig na ghabhas am botal de dh'uisge. (Phanie / Alamy Stock Photo)

Image caption, Bi cinnteach gu bheil na tapaichean dheth nuair a tha thu deiseil
Bi cinnteach gu bheil na tapaichean dheth nuair a tha thu deiseil agus nach eil boinne asta. (JinOdin / Alamy Stock Photo)

Image caption, Gabh fras nach eil cho fada no na cuir uiread a dh'uisge dhan amar
Cha bhi frasairean a' cleachdadh uiread a dh'uisge ri amaran. Mar sin ma ghabhas tu fras luath an àite a dhol dhan amar, caomhnaidh tu uisge (agus lùth airson uisge a theasachadh). Mura gabh thu fras, feuch gun uiread a dh'uisge a chur dhan amar. (Tero Vesalainen / Alamy Stock Photo)

Image caption, Cuir ort aodach barrachd air aon turas mus nigh thu e mura bheil e salach no fàileadh dheth
Feuch nach cleachd thu an t-inneal-nighedaireachd mura bheil agad ach rud no dhà ri nighe chionn tha e a' cleachdadh tòrr uisge. (vetasster / Alamy Stock Photo)
1 of 4
Buannachdan agus dùbhlain uisge
Buannachdan
Tha feum air uisge airson a bhith beò. Feumaidh daoine, lusan agus beathaichean uisge glan airson a bhith beò.
Bidh daoine a' cleachdadh uisge airson diofar adhbharan. Bidh sinn a' cleachdadh uisge san dachaigh airson nigheadaireachd agus còcaireachd is eile, agus tha uisge cuideachd air a chleachdadh ann an diofar ghnìomhachasan.
Tha an dà chuid fìor-uisge mar aibhnichean agus lochan, agus sàl anns a' mhuir agus anns na cuantan nan àrainn do dh'iomadh seòrsa fiadh-bheatha.
Gabhaidh lùth cineataigeach uisge a chleachdadh airson bunan lùth ath-nuadhachail a dhèanamh. Tha damaichean dealan-uisge, lùth an làin agus lùth nan tonnan uile an urra ri uisge airson dealan a ghintinn.
Dùbhlain
Feumar stòr nàdarra uisge fhathast a ghlanadh mus cleachd sinn e. Tha glanadh uisge salach ann an ionad-glanaidh a' cleachdadh tòrr dealain.
Ann an dùthchannan teth, tioram faodaidh solar uisge a bhith gann, agus mar sin chan eil gu leòr an-còmhnaidh ann do dhaoine, do thuathanachas no do ghnìomhachasan.
Ann an cuid de dh'àitichean chan eil cothrom aig daoine air uisge òil a tha sàbhailte. Faodaidh uisge nach eil sàbhailte tinneas agus bàs adhbharachadh.
Tha stòran nàdarra uisge gan truailleadh air sgàth obair dhaoine. Dh'fhaodadh seo a bhith air sgàth cleachdadh cheimigean no tro bhith a' cleachdadh barrachd plastaig.

tart - Gainnead uisge a dh'fhaodas buaidh a thoirt air daoine agus air an àrainneachd. Bidh seo a' tachairt nuair nach bi uisge ann fad ùine mhòr, 's dòcha fad ràithe no nas fhaide.
raisean – A' cumail smachd air an uiread de rud a tha air a chleachdadh. Nuair a tha stòrasan gann, feumar an raiseanadh. Mar eisimpleir, rè an Dara Cogaidh, bha biadh air a raiseanadh airson gun deigheadh a riarachadh gu cothromach.
gann – Nuair a tha gainnead de rudeigin ann, mar eisimpleir biadh no uisge. Nuair nach eil gu leòr ann de stòras sònraichte dha na daoine a tha ga iarraidh no ga fheumachdainn.
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean

Cùm leabhar-latha uisge
Dèan nòta air na tha thu a' cleachdadh de dh'uisge ann an latha agus carson.
Dèan nòta gach turas a chleachdas tu uisge agus carson.
Aig deireadh an latha, coimhead air an liosta agus faic a bheil dòighean ann air a' chaitheamh uisge agad a lùghdachadh.
Cuimhnich: Na òl nas lugha de dh'uisge airson na tha thu a' cleachdadh de dh'uisge a lùghdachadh – tha e cudromach uisge gu leòr òl!
More on Stuthan agus stòrasan
Find out more by working through a topic
- count3 of 7

- count4 of 7

- count5 of 7

- count6 of 7
