Bidh lùth na grèine a' cleachdadh an lùth a tha sa Ghrèin airson dealan a ghintinn.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Mar a bhios lùth na Grèine a' faighinn thugainn
- Mar a tha ceallan grèine agus panailean grèine ag obrachadh
- An lùth a bhios panailean agus ceallan grèine a' cleachdadh
- Na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan aig lùth na grèine
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre dhen Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Seo agaibh Lùth na Grèine. No Sol mar a th' againn oirre.
Tha i diùid. Gu h-àraidh nuair a tha sìde mhì-chàilear, no glas, a-muigh.
Ach nuair a nochdas a' ghrian, tha Sol làn sunnd agus lùth.
Bidh ise a' cleachdadh solas na grèine airson dealan a dhèanamh.
'S e Dùn Dè aon de na h-àitichean as grianaiche an Alba.
Àite math airson sealltainn lùth na grèine ag obrachadh.
Bidh solas bhon ghrèin a' siubhal gu Talamh ann am beagan is 8 mionaidean.
Sin 147 millean km agus tusa a' gabhail fras.
Nuair a ruigeas solas na grèine Dùn Dè, 's e a' chiad rud a nì e ar blàthachadh!
Gu dearbh, tha panailean grèine airson uisge teth air cuid a thaighean.
Bidh iad a' cleachdadh na grèine airson an t-uisge san fhrasair a theasachadh.
Ach chan eil Sol mar sin.
Tha an teicneòlas grèine a th' innte, ceallan grèine, innleachdach.
Bidh ise a' gintinn dealan.
Chì thu ceallan grèine air rudan mar àireamhairean agus… rudan eile.
'S ann air mullaich thogalaichean as trice a bhios iad, am broinn phanailean grèine.
Tha stuth ris an canar sileacon ann am panailean grèine air togalaichean.
Bidh e ag atharrachadh pàirt de sholas na grèine gu bhith na lùth dealain.
Bidh cumhachd an dealain an uair sin a' sruthadh dhan taigh agad far am bi e ag obrachadh an tiormadair fuilt. An dèidh do fhras.
Ach dìreach mar a bhios an tiormadair a' fàs teth, bithidh agus panailean grèine.
Bidh iad a' caitheamh tòrr lùth tro theas.
Nas miosa, chan obraich panailean grèine nuair a tha i dorcha agus cha stòr iad lùth.
Ma tha thu ag iarraidh dealan air an oidhche, feumaidh tu fhaighinn bhon ghriod mar a h-uile duine eile.
Ach thèid aig tuathan grèine, mar am fear seo ann an Siorrachd Pheairt, air cumhachd a thoirt dha na mìltean thaighean, fiù 's air an oidhche, tro bhataraidhean mòra a stòras lùth a bharrachd a thèid a chruinneachadh air làithean grianach.
Sin agaibh Sol. Seòrsa de lùth ath-nuadhachail diùid.
Chan eil i gu mòran feum nuair a tha i sgòthach no idir air an oidhche.
Agus, bidh i a' caitheamh an deagh chuid lùth tro theas.
Ach an rud math 's e gu bheil i ath-nuadhachail, agus cha bhi i a' dèanamh ghasaichean cronail.
Agus nuair a cheannaicheas tu na panailean grèine, bheir i lùth dhut an-asgaidh.
Sin thu, Sol!
Carson a tha lùth na grèine feumail?
Tha a' Ghrian a' gintinn lùth dealrach a bhios i a' cur a-mach mar theas agus solas. Bidh solas na grèine a' siubhal 147 millean km gu Talamh ann am beagan is 8 mionaidean. Tha tòrr mòr de lùth na Grèine a' ruigheachd na Talmhainn gach latha.
Ciamar a bhios panailean grèine ag obrachadh?

Nuair a bhios solas na grèine a' bualadh ann an uachdar na Talmhainn, bidh sinn a' glacadh pàirt dheth le panailean grèineTha panailean grèine air an cleachdadh airson dealan a ghintinn. Bidh iad air togalaichean, ach faodar an cleachdadh cuideachd air tuath grèine airson cumhachd na grèine a chruinneachadh. Tha panailean grèine air an dèanamh le mòran cheallan grèine. - panailean mòra air an dèanamh suas de ceallan grèineBidh ceallan grèine gan cur còmhla airson panail grèine a dhèanamh. Air an dèanamh à stuth ris an canar sileacon, bidh ceallan grèine ag atharrachadh solas na grèine gu dealan..
Chì thu eisimpleirean de cheallan grèine air uachdar cuid de dh'àireamhairean.
Ma chòmhdaicheas tu na ceallan grèine fada gu leòr, thèid an t-àireamhair dheth oir cha bhi an solas a-nis a' faighinn thuige airson cumhachd a thoirt dha.


Nuair a bhuaileas solas na grèine fillidhean sileaconEileamaid cheimigeach a th' ann an rùsg na Talmhainn. Bidh sileacon ga chleachdadh ann an tiops choimpiutairean, ceallan grèine agus uidheaman dealain eile. am broinn nan ceallan grèine, tòisichidh teàrrds dealain a' fàs, a' cruthachadh sruth dealain.
Bidh ceallan grèine mar as trice air mullaich thaighean is thogalaichean agus thèid aca air dealan a ghintinn agus uisge a theasachadh an-asgaidh.
San Leth-chruinne a Tuath (a' gabhail a-steach Alba) obraichidh panailean grèine nas fheàrr ma bhios iad a' coimhead gu deas. Bidh iad mar sin a' coimhead ris a' ghrèin fad an latha.

Bhon a tha panailean grèine an urra ri solas na grèine, cha bhi iad a' gintinn dealan ach tron latha nuair a tha solas na grèine a' deàrrsadh orra.
Ma tha i sgòthach, chan eil iad cho èifeachdach, agus cha bhi iad a' gintinn dealan air an oidhche.
Ma tha panailean grèine agad agus tu a' cleachdadh dealan air an oidhche, bidh thu a' faighinn dealan on An Griod NàiseantaAn t-ainm air lìonradh de phaidhleonan agus de loidhnichean dealain a bhios a' giùlan dealan dha na dachaighean againn, sgoiltean, oifisean agus gnothachasan., 's chan ann on phanail grèine oir cha bhi panailean grèine a' stòradh lùth.

Image caption, Cha bhi panailean grèine a' gintinn dealan air an oidhche chionn chan eil solas na grèine ann. (Francisco Javier Ramos Rosellon / Alamy Stock)

Image caption, Tha dealan air aiseag bho stèiseanan cumhachd gu na dachaighean agus na gnothachasan againn tro lìonradh phaidhleonan is chàbaill ris an can sinn an Griod Nàiseanta. (David Robertson / Alamy Stock Photo)
1 of 2
Tuathan grèine
'S e farsaingeachdan mòra fearainn a ghabhas an còmhdach le mìltean de phanailean grèine a ghineas tòrr dealain a th' ann an tuathan grèine.
Air cuid de thuathan grèine tha panailean grèine suidhichte agus an-còmhnaidh a' coimhead an aon taobh. Air cuid eile tha panailean gluasadach a bhios a' tionndadh gus am bi iad an-còmhnaidh a' coimhead ris a' ghrèin. Tha seo gan cuideachadh gu bhith a' gintinn uiread 's a ghabhas de dhealan.
Tha bataraidhean air tuathan grèine a bhios a' stòradh lùth airson gun cùm iad orra a' toirt dealan dha na mìltean dhachaighean fiù 's nuair nach eil grian ann.

Image caption, Oighreachd Errol ann an Siorrachd Pheairt, Alba
Tha an tuath grèine as motha ann an Alba, a dh'fhosgail ann an 2016, air Oighreachd Errol ann an Siorrachd Pheairt. Tha 55,000 panail grèine ann a tha a' toirt dealan do chòrr is 3,500 dachaigh.

Image caption, Dam Sirindhorn ann an Thailand
Gabhaidh tuathan grèine cuideachd a thogail air uisge. Tha Thailand air fear dhe na pròiseactan fleodrach dealan-grèine as motha air an t-saoghal a thogail. Tha 144,417 aonadan de phanailean grèine gan cur an sàs ann an stòr-amar air uachdar dama. Cuidichidh seo Thailand gu bhith a' gintinn lùth ath-nuadhachail an dèidh nam bliadhnaichean de chàineadh airson a bhith an urra ri connaidhean-fosail. (REUTERS / Alamy Stock Photo)
1 of 2
Lùth solais
Tha lùth solais anns a' Ghrèin a bhios a' siubhal gu Talamh agus a tha an uair sin air a ghlacadh le panailean grèine.
Tha rudan eile mar bolgain-solais, teine, toirds agus solais-trafaig a' cur a-mach lùth solais.
Faodaidh e bhith furasta mearachd a dhèanamh eadar lùth solais agus lùth teas oir tha tòrr rudan a bhios a' cur a-mach lùth solais cuideachd a' cur a-mach lùth teas.
Ach cuimhnich ge-tà gur e dìreach lùth solais bhon ghrèin a bhios panailean grèine a' cleachdadh.
Chan eil an teòthachd a' dèanamh atharrachadh sam bith anns an uiread de lùth a thèid a ghintinn le panail grèine. Mar sin chan eil e gu diofar an e latha teth no fuar a th' ann. 'S e dè cho làidir 's a tha solas na grèine a tha a' dèanamh an diofair.
Buannachdan agus eas-bhuannachdan lùth na grèine
Buannachdan
Tha e ath-nuadhachailRudeigin nach teirig nuair a thèid a chleachdadh. chionn cha teirig lùth na Grèine fad bhilleanan bhliadhnaichean.
Chan eil gasaichean cronail air an cruthachadh le panailean grèine, agus tha e mar sin math dhan àrainneachd.
Ma tha a' ghrian a' deàrrsadh air panail grèine air an taigh agad, faodaidh tu an lùth a chleachdadh an-asgaidh, agus bidh cunntasan an dealain nas lugha.
Eas-bhuannachdan
Chan eil panailean grèine gu feum nuair a tha i sgòthach (agus mar sin tha tuathanasan grèine nas èifeachdaiche far nach eil uiread de chòmhdach sgòth).
Cha bhi panailean grèine a' gintinn dealan air an oidhche.
Chan urrainn panailean grèine lùth a stòradh, agus feumaidh tu mar sin an dealan a tha iad a' gintinn a chleachdadh nuair a tha a' ghrian a' deàrrsadh. Feumaidh tu bataraidhean airson an lùth a thèid a ghintinn a stòradh. Tha iad sin daor.

cealla grèine – Bidh ceallan grèine ag atharrachadh solas bhon ghrèin gu dealan. Gabhaidh mòran cheallan grèine a chur còmhla airson panail grèine a dhèanamh. Tha ceallan grèine air an dèanamh de stuth ris an canar sileacon.
panail grèine – Tha panailean grèine air an cleachdadh airson dealan a ghintinn. Bidh iad air togalaichean, ach faodar an cleachdadh cuideachd air tuath grèine airson cumhachd na grèine a chruinneachadh. Tha panailean grèine air an dèanamh le mòran cheallan grèine.
sileacon – 'S e eileamaid cheimigeach a gheibhear ann an rùsg na Talmhainn a th' ann an sileacon. Tha sileacon air a chleachdadh ann an tiops choimpiutairean, ceallan grèine agus uidheaman eileagtronaigeach eile.
Griod Nàiseanta – Canar an Griod Nàiseanta ris an lìonradh de phaidhleonan agus de loidhnichean cumhachd a bhios a' giùlan dealan dha na dachaighean, na sgoiltean agus na gnothachasan againn.
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean

Dèan bileag
Dèan bileag fiosrachaidh airson ìmpidh a chur air cuideigin panailean grèine a chur air an taigh aca.
Thoir iomradh air na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan agus mìnich mar a bhios panailean grèine a' cleachdadh lùth na Grèine airson lùth a ghintinn dha na dachaighean aca.
More on Bunan lùtha is seasmhachd
Find out more by working through a topic
- count10 of 13

- count11 of 13

- count12 of 13

- count13 of 13
