'S e seòrsa de lùth ath-nuadhachail a th' ann an lùth geo-thearmach a bhios a' cleachdadh teas nàdarra na Talmhainn airson dachaighean agus gnothachasan a theasachadh no airson dealan a ghintinn.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Dè th' ann an lùth geo-thearmach
- Mar a ghabhas a chleachdadh airson dealan a ghintinn
- Àitichean air an t-saoghal far a bheil lùth geo-thearmach air a chleachdadh
- Na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan aig lùth geo-thearmach
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre dhen Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Seo Lùth Geo-thearmach, no Geo.
Chan e Alba a dhachaigh nàdarrach.
Tha e caran dian dheth fhèin.
'S toigh leis beagan cunnairt.
Tha esan nas toilichte far a bheil crithean-talmhainn agus bholcànothan – far am bi pleataichean teactonaig a' coinneachadh.
'S e leacan mòra, mòra ann an rùsg na Talmhainn a th' ann am pleataichean teactonaig.
Tha na pleataichean air uachdar magma goileach, (sin creagan leaghte), ris an can sinn fallainn na Talmhainn.
Bidh na pleataichean a' gluasad air ais 's air adhart air a' mhagma, a' bualadh na chèile agus uaireannan ag adhbhrachadh mhòr-thubaistean nàdar air an uachdar.
Ach chan eil e uile dona.
Bidh beàrnan beaga eadar na creagan, ris an canar loidhnichean-sgàinidh, uaireannan a' leigeil le rud beag magma bruthadh a-mach.
Bidh am magma sin a' teasachadh amaran no lochan mòra uisge nàdarra fon talamh. Tha fios agad nuair a bhios coire a' goil gum bi stioma a' tighinn às. Uill, tha 'd coltach ris a sin. Cùm do làmhan air falbh!
Agus seo Geo air ais: hi, Geo. Tha, tha thu radaigeach.
Tha Geo air bhoil leis gu bheil an t-uisge teth seo cha mhòr an-asgaidh!
Agus tha uisge teth math airson dealan a dhèanamh.
Bidh ionadan-lùth geo-thearmach a' tarraing stioma bho na h-amaran chun an uachdair.
Bidh an lùth cineataigeach bhon stioma a' tionndadh nan tuirbinean 's bidh gineadairean ag atharrachadh an lùth gu dealan.
Bidh an stioma a' fuarachadh agus a' dol na uisge a-rithist.
Bidh e an uair sin a' dol air ais dhan talamh tro phìob far an tèid a theasachadh agus a chleachdadh a-rithist.
Tha seo math do dhùthchannan mar Innis Tìle, Sealan Nuadh agus Indonìsia chionn tha iad air loidhnichean-sgàinidh phleataichean teactonaig.
Bidh na stèiseanan lùtha aca a' toirt dhaibh stòr cunbhalach, ath-nuadhachail agus earbsach de dhealan.
Chan urrainn dùthchannan mar Alba ionadan-lùth geo-thearmach a thogail oir chan eil iad air loidhnichean-sgàinidh.
Ach, thèid aig Geo air ar cuideachadh beagan ann an Alba, le pumpaichean teas talmhainn.
Bidh pumpaichean teas talmhainn a' pumpadh lionn tro chearcall phìoban fon talamh.
Bidh teas bhon talamh a' teasachadh an lionn a bhios a' sruthadh dhan taigh agad tro inneal-iomlaid teas, agus an sin, bidh e a' teasachadh an uisge san taigh.
Duilich, Geo. Tha fios a'm nach eil uisge teth airson nighe uabhasach inntinneach.
Ach tha e feumail!
Stèiseanan cumhachd geo-thearmach
Bidh stèiseanan cumhachd geo-thearmach gan togail far a bheil amaran uisge fon talamh timcheall nan loidhnichean-sgàinidhSgàinidhean fada ann an rùsg na Talmhainn. Bidh na sgàinidhean seo a' nochdadh eadar leacan mòra, mòra de chreagan ris an canar pleataichean teactonaig. Bidh crithean-talmhainn agus bholcànothan mar as trice a' tachairt aig loidhnichean-sgàinidh. ann am pleataichean teactonaigLeacan mòra de chreag chruaidh a bhios air an cruthachadh bho rùsg na Talmhainn. Tha iad mar phìosan de mhìrean-measgaichte a bhios a' fiotadh còmhla agus a tha air an sgaradh leis na loidhnichean-sgàinidh. Bidh pleataichean teactonaig a' seòladh mun cuairt gu mall air filleadh tiugh de chreag theth, leaghte agus leth-leaghte ris an canar an fhallainn. Nuair a ghluaiseas pleataichean teactonaig, faodaidh beanntan agus cuantan a bhith air an cruthachadh, no crithean-talmhainn no bholcànothan a bhith ann.na Talmhainn.
Tha na beàrnan eadar na pleataichean a' leigeil le magmaCreag leaghte a tha shìos domhainn fo uachdar na Talmhainn. Gheibh magma a-mach nuair a nochdas sgàinidhean ann an rùsg na Talmhainn no nuair a spreadhas bholcànothan. Canar làbha ri magma a ruigeas uachdar na Talmhainn.an t-uisge a theasachadh.

Image caption, Bidh stèiseanan cumhachd geo-thearmach a' cleachdadh cumhachd teas nàdarra na Talmhainn airson dealan a ghintinn.
(Bart Pro / Alamy Stock Photo)

Image caption, Tha amaran uisge fon talamh air an teasachadh le magma, a' dèanamh stioma a tha ag èirigh agus air a threòrachadh a-steach dhan stèisean cumhachd.
Bidh an stioma an uair sin a' tionndadh nan tuirbinean, a bhios a' tionndadh ghineadairean, agus a' gintinn dealan. Tha an stioma an uair sin air fhuarachadh agus air a thilleadh dhan amar.

Image caption, Stèisean lùth geo-thearmach agus Pàirc Chur-seachadan Blue Lagoon, Innis Tìle
Tha lùth geo-thearmach an-dràsta a' dèanamh suas 70% de lùth Innis Tìle. Tha a' chuid as motha dheth air a chleachdadh gus uisge a theasachadh airson taighean, sràidean agus fiù 's amaran-snàmh a-muigh a chumail blàth ris a h-uile seòrsa sìde. (robertharding / Alamy Stock Photo)
1 of 3
Ann an stèisean lùth geo-thearmach:
Tha stioma air a chruthachadh bho theas an uisge air a tharraing suas chun an uachdair.
Bidh an lùth cineataigeachLùth a th' ann an rud air sgàth a bhith a' gluasad. Tha lùth cineataigeach aig ball air a shadail oir tha e a' gluasad. Nuair a ghluaiseas uisge, tha sin cuideachd na eisimpleir de lùth cineataigeach. bhon stioma a' tionndadh tuirbin'S e inneal a th' ann an tuirbin a bhios ag atharrachadh gluasad lionn no gas gu bhith na lùth a ghabhas a chleachdadh. Ann an tuirbin sìmplidh bidh uisge no èadhar a' putadh an aghaidh lannan an tuirbin agus a' cur car dhiubh. Nuair a bhios na lannan a' cur car, bidh iad a' tionndadh pòla fada ris an canar crann. Faodaidh an crann an uair sin pìosan eile de dh'innealradh a thionndadh, mar gineadair a tha air a chleachdadh airson dealan a ghintinn. anns an stèisean cumhachd.
Bidh na gineadairInneal airson dealan a dhèanamh. Nuair a thèid ceann a' ghineadair a thionndadh, tha an lùth seo air atharrachadh gu lùth dealain. a' cur seo gu dealan.
Bidh an tùr-fuarachaidh a' fuarachadh an stioma agus bidh e a' dol na uisge a-rithist, agus bidh an t-uisge an uair sin air a thilleadh tro na pìoban chun an amair far an tòisich am pròiseas a-rithist.
Far a bheil stèiseanan cumhachd geò-thearmach
Tha stèiseanan cumhachd geò-thearmach suidhichte ann an àitichean air an t-saoghal a tha nan laighe air loidhnichean-sgàinidhSgàinidhean fada ann an rùsg na Talmhainn. Bidh na sgàinidhean seo a' nochdadh eadar leacan mòra, mòra de chreagan ris an canar pleataichean teactonaig. Bidh crithean-talmhainn agus bholcànothan mar as trice a' tachairt aig loidhnichean-sgàinidh. eadar pleataichean teactonaigLeacan mòra de chreag chruaidh a bhios air an cruthachadh bho rùsg na Talmhainn. Tha iad mar phìosan de mhìrean-measgaichte a bhios a' fiotadh còmhla agus a tha air an sgaradh leis na loidhnichean-sgàinidh. Bidh pleataichean teactonaig a' seòladh mun cuairt gu mall air filleadh tiugh de chreag theth, leaghte agus leth-leaghte ris an canar an fhallainn. Nuair a ghluaiseas pleataichean teactonaig, faodaidh beanntan agus cuantan a bhith air an cruthachadh, no crithean-talmhainn no bholcànothan a bhith ann.. Tha tòrr obair bholcànach annta agus tha rùsg na Talmhainn nas taine, agus tha sin a' cuideachadh leis na suidhichidhean a chruthachadh a dh'fheumar airson lùth geo-thearmach a ghlacadh gu furasta.
Thèid aig dùthchannan mar Innis Tìle, Sealan Nuadh agus Indonìsia air lùth geo-thearmach a chleachdadh chionn tha iad air na loidhnichean-sgàinidh sin.

Pumpaichean teas talmhainn

Image caption, Ann an Alba faodaidh tu pumpaichean teas talmhainn a chleachdadh airson teasachadh meadhain agus uisge teth a thoirt dha na dachaighean againn.

Image caption, Tha a' mhòr-chuid de phumpaichean teas talmhainn a' cleachdadh phìoban còmhnard air an tiodhlacadh ann an claisean a tha dà mheatair no barrachd fon talamh. (Adam Murphy / Alamy Stock Photo)
1 of 2
Bhon nach bi ionadan-lùth geo-thearmach ag obrachadh gu math ach ann an àitichean far a bheil loidhnichean-sgàinidh eadar pleataichean teactonaig, cha bhi Alba a' gintinn lùth san dòigh seo.
Ach ge-tà, thèid aig dùthchannan mar Alba fhathast air lùth geo-thearmach a chleachdadh le bhith a' cleachdadh pumpaichean teas talmhainn.
Mar as fhaide sìos a thèid thu fon talamh, 's ann as blàithe a tha an talamh, agus mar sin gabhaidh lionn a bhlàthachadh le bhith ga phumpadh tro phìoban fon talamh. Faodaidh sinn seo a chleachdadh airson teasachadh meadhain agus uisge teth dha na dachaighean againn.
Tha seo na eisimpleir eile air lùth geo-thearmach.
Buannachdan agus eas-bhuannachdan dealan geo-thearmach
Buannachdan
Tha lùth geo-thearmach nas fheàrr dhan àrainneachd na bhith a' cleachdadh chonnaidhean-fosail agus tha an lorg carbon aige ìosal.
'S e lùth ath-nuadhachail a th' ann nach teirig. Tha na h-amaran teth san Talamh air an ath-lìonadh gu nàdarra, ga dhèanamh ath-nuadhachail agus seasmhach.
Tha mòran stòran geo-thearmach ann nach do rannsaich sinn fhathast agus tha mar sin tòrr mòr lùth eile ann ri lorg agus ri chleachdadh.
Eas-bhuannachdan
Cha ghabh ionadan cumhachd geo-thearmach a thogail sa h-uile h-àite. Chan obraich iad ach air loidhnichean-sgàinidh, agus tha sin a' ciallachadh nach urrainn iomadh sgìre air an t-saoghal (mar Alba) an lùth seo a chleachdadh.
Faodaidh gasaichean taigh-glainne fon talamh a dhol mu sgaoil fhad 's a thathar a' drileadh dhan talamh airson ionadan cumhachd geo-thearmach a thogail. Bidh na gasaichean seo a' dol mu sgaoil dhan àile gu nàdarra, ach bidh e a' tachairt nas luaithe faisg air ionadan geo-thearmach.
Dh'fhaodadh togail ionadan-lùth geo-thearmach (a tha a' cur feum air cladhach dhan talamh) crithean-talmhainn adhbhrachadh.

rùsg na Talmhainn - Filleadh uachdrach na Talmhainn. Tha e a' còmhdach na planaid gu lèir, muir agus tìr. Tha e air a dhèanamh de chreagan agus de mhèinnirean agus faodaidh tighead 1.5 gu 70 km a bhith ann.
pleataichean teactonaig - Leacan mòra de chreag chruaidh a bhios air an cruthachadh bho rùsg na Talmhainn. Tha iad mar phìosan de mhìrean-measgaichte a bhios a' fiotadh còmhla agus a tha air an sgaradh leis na loidhnichean-sgàinidh. Bidh pleataichean teactonaig a' seòladh mun cuairt gu mall air filleadh tiugh de chreag theth, leaghte agus leth-leaghte ris an canar an fhallainn. Nuair a ghluaiseas pleataichean teactonaig, faodaidh beanntan agus cuantan a bhith air an cruthachadh, no crithean-talmhainn no bholcànothan a bhith ann.
loidhnichean-sgàinidh - Sgàinidhean fada ann an rùsg na Talmhainn. Bidh na sgàinidhean seo a' nochdadh eadar leacan mòra, mòra de chreagan ris an canar pleataichean teactonaig. Bidh crithean-talmhainn agus bholcànothan mar as trice a' tachairt aig loidhnichean-sgàinidh.
fallainn - Am filleadh as tighe de thaobh a-staigh na Talmhainn. Tha e na laighe eadar eitean na Talmhainn agus rùsg na Talmhainn. Tha e uabhasach fhèin teth agus 's e creag leaghte as motha a th' ann.
magma - Creag leaghte a tha shìos domhainn fo uachdar na Talmhainn. Gheibh magma a-mach nuair a nochdas sgàinidhean ann an rùsg na Talmhainn no nuair a spreadhas bholcànothan. Canar làbha ri magma a ruigeas uachdar na Talmhainn.
mòr-thubaist nàdarra - Rud a thachras mar thoradh air pròiseasan nàdarra. Chan urrainn daoine mòr-thubaist nàdarra adhbhrachadh. Tha bholcànothan, crithean-talmhainn agus tsunamithean nan eisimpleirean de mhòr-thubaistean nàdarra a dh'fhaodas a bhith air an adhbhrachadh le gluasad nam pleataichean teactonaig.
tuirbin - 'S e inneal a th' ann an tuirbin a bhios ag atharrachadh gluasad lionn no gas gu bhith na lùth a ghabhas a chleachdadh. Ann an tuirbin sìmplidh bidh uisge no èadhar a' putadh an aghaidh lannan an tuirbin agus a' cur car dhiubh. Nuair a bhios na lannan a' cur car, bidh iad a' tionndadh pòla fada ris an canar crann. Faodaidh an crann an uair sin pìosan eile de dh'innealradh a thionndadh, mar gineadair a tha air a chleachdadh airson dealan a ghintinn.
gineadair - Inneal airson dealan a dhèanamh. Nuair a thèid ceann a' ghineadair a thionndadh, tha an lùth seo air atharrachadh gu lùth dealain.
tùr-fuarachaidh - Tùr mòr air a chleachdadh airson an stioma fhuarachadh, ga thionndadh air ais na uisge, a tha an uair sin air a thilleadh dhan amar.
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean

Lorg dùthchannan a dh'fhaodadh lùth geo-thearmach a chleachdadh
Lorg dà mhap air-loidhne: map dhen t-saoghal agus map de loidhnichean-sgàinidh an t-saoghail.
Cleachd na mapaichean agus lorg dùthchannan 's dòcha aig a bheil comas cumhachd a chruthachadh a' cleachdadh lùth geo-thearmach.
Tagh a dhà no trì dhùthchannan: A bheil ionadan-lùth geo-thearmach aca an-dràsta? Ma tha, carson a tha an lùth seo air a chleachdadh?
More on Bunan lùtha is seasmhachd
Find out more by working through a topic
- count7 of 13

- count8 of 13

- count9 of 13

- count10 of 13
