Leigidh graf-sgapte leinn a' cho-dhàimh eadar seataichean-dàta a shealltainn gu grafaigeach. Ma tha co-dhàimh làidir ann 's urrainn an loidhne as freagarraiche a tharraing airson barrachd mìneachaidh.
Ma tha co-dhàimh eadar dà sheata-dàta, tha e a' ciallachadh gu bheil ceangal air choreigin eatarra.
Mar a tha an teòthachd a' dol suas, tha an àireamh reòiteagan a th' air an reic a' dol suas. Tha na toraidhean cha mhòr ann an loidhne dhìreach, le caisead dearbhte. Mar sin tha co-dhàimh dhearbhte ann.
Co-dhàimh àicheil
Tha an graf-sgapte seo a' sealltainn a' cheangail eadar an àireamh sheachdainean a bha òran sa Phrìomh 40 agus an àireamh chlàran a chaidh a reic an t-seachdain sin.
Tha ceangal cinnteach eadar an dà sheata-dàta, bhon a tha na toraidhean cha mhòr ann an loidhne dhìreach.
Mar a tha an àireamh sheachdainean a' dol am meud, tha an àireamh chlàran air an reic a' dol sìos. Tha caisead àicheil aig an loidhne agus mar sin co-dhàimh àicheil.
Gun cho-dhàimh
Tha an graf-sgapte a leanas a' sealltainn a' cheangail eadar àireamh an taighe aig cuideigin agus an IQ aca (aon tomhas air comas-inntinn).
Chan eil ceangal eadar na luachan seo mar a chì sinn air a' ghraf-sgapte.