Adhbharan airson a’ Chogaidh FhuairAonta Warsaw

An dèidh an Dara Cogaidh bha Cogadh Fuar ann ri linn bheachdan eaconamach is poilitigeach nan SA is nan USSR. Bha NATO is Aonta Warsaw stèidhichte. Bha rèis nam ball-airm is an fhànais eatarra.

Part ofEachdraidhAn Cogadh Fuar

Aonta Warsaw

Chaidh Aonta Warsaw a stèidheachadh ann an 1955. B' e caidreachas armailteach a bh' ann de dhùthchannan comannach. Bha e stèidhichte air beachd tèarainteachd cho-chaidreachail – nan deigheadh ionnsaigh a thoirt air aon stàit a bha na ball de Aonta Warsaw, chuidicheadh na stàitean eile a bha nam buill le bhith ga dìon.

Cò na dùthchannan a bha nam buill?

  • B' iad na dùthchannan a bha nam buill bho thùs an USSR, a' Ghearmailt an Ear, A' Phòlainn, An Ungair, Seiceoslobagia, Romàinia, Bulgàiria agus Albàinia.
  • Cha robh Iùgoslabhia na ball ged a b' e dùthaich chomannach a bh' innte.

Carson a chaidh Aonta Warsaw a stèidheachadh?

Faodar seo fhaicinn mar nì a thachair air sgàth 's gun deach NATO a stèidheachadh ann an 1949, agus seach gun robh buidheann dhùthchannan an ear air an cuartachadh le dùthchannan NATO.

Fhuair a' Ghearmailt an Iar cead a bhith na phàirt de NATO ann an 1955. Bha cead aice cuideachd arm agus feachd-adhair a bhith aice. Bha an USSR a' faicinn sin mar chunnart a dh'fhaodadh a bhith a' ciallachadh gum biodh a' Ghearmailt làidir a-rithist agus na cunnart.

B' ann aig an USSR a bu mhotha a bha de smachd air Aonta Warsaw. Bha sin a' ciallachadh gum faodadh iad am poileasaidh cèin aca a sparradh air na dùthchannan eile air an taobh an ear.

Bho 1955 bha an Roinn Eòrpa air a roinn na dà bhuidheann armaichte - bha loidhnichean-aghaidh a' Chogaidh Fhuair air an stèidheachadh.